Gàidhlig / English
Seacanaich na Samhna

Seacanaich na Samhna

Air a sgrìobhadh le Kate air 27mh den Lùnastal 2015.

Tha sinn air leth fortanach gu bheil sinn air tuireadh fhaotainn aig deireadh an t-samhraidh an seo ann an Glaschu, le teas na grèine gar leaghadh fad latha no dhà. Dh’fhaodte, ma-tà, gum b’ urrainn dhuinn a bhith beò ann an dòchas gum bi e a cheart cho teth againn an ceann beagan mhìosan, aig deireadh an fhoghair. ’S e seacanaich na Samhna no rodhanaich na Samhna a theirte ri seo ann an Leòdhas agus cuideachd ann an Uibhist a Deas. Dh’fhaodadh an seacanaich greis de theas mach an àbhaist a dhealbhadh, co-dhiù airson an dearbh rath anns a bheil sibh. ’S e “Indian Summer” a theirte ri seo sa Bheurla. Mar a leughas sibh, tha am facal a’ comharrachadh na h-amannan nuair a bhithte a’ tughadh nan taighean, mar is trice as t-Samhain, agus bhiodh sibh ’n dùil gum biodh uspag gaoithe gur suathadh fhad ’s a bhiodh sibh ris an obair sin.

Tha iomadach facal a thuilleadh air seacanaich agus rodhanaich ann a ghabhas a’ cur gu feum airson sìde bhrèagha, chiùin, bhlàth a dhealbhadh. Dh’fhaodadh an aimsir a bhith soinnean, soinneanach, no soinneanta. Chaidh am facal siud mu dheireadh a mhìnicheadh dhomhsa mar aimsir a tha, cha mhòr, “serene” sa Bheurla. Dh’ fhaodadh sibh fèath (facal a bh’ air a chlàradh ann an Earra-Ghàidheal agus anns na Hearadh) fhaireachdainn a-measg greisean garbh, no “sòlan.” Chaidh am facal "sòlan" a chlàradh ann an Drochaid Neithich. Faicibh an sean-fhacal againn air DASG, a chomharraicheas, dh’fhaodte leis an seo, gum biodh gealladh ga chur gum maireadh an aimsir ciùin beagan na b’ fhaide na bhiodh e eadar greisean den t-sìde gharbh. Nach brèagha an dara abairt?! Tha sin ag innse gur h-ann mar ghaol rìbhinn a bhios “feath faoilich,” trath sa bhliadhna as an Fhaoilteach. Tha e cudromach cuimhne a chumail nar mar nach ann tric a leanas greisean den t-sìde theth gun aimsir uisge is greisean den t-sìde gharbh a thig as a dhèidh.

Faodar am bradag fhaicinn air latha teth is sgèo san adhar, no fìu ’s séill air a’ ghrèin’ fhèin. ’S e greagarra no “greigh” a theirte ris an teas iongantach a bhuaileadh oirbh gu h-obann, is a’ ghrian air ùr-thighinn a-mach bho bhith air fhalach air cùlaibh nan sgòthan.

Feuch gus am fairich sinn seacanaich no rodhanaich na Samhna fhathast am bliadhna, dh’fhaodadh sibh an uair sin a ràdh gun deach ur clàbhadh leis an teas!

Cuiribh fios thugainn air Facebook no air Twitter, dh' fhaodte le sean-fhaclan is abairtean eile, no ma bhios smuaintean sam bith eile agaibh.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo