- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Marag Mhaduinn
Bha an t-seachdain sa chaidh air leth sònraichte airson daoine a tha titheach air fuineadh oir tha am prògram telebhisean The Great British Bake Off air ais!
Tha beagan reasabaidhean ann am Faclan bhon t-Sluaigh air an làrach-lìn DASG, agus sgrìobh mi fhìn mu Bhonnach Brìghde as t-Earrach sa chaidh. Is e Marag Mhaduinn an abairt a th’ againn air an t-seachdain-sa, agus tha mi cinnteach nach biodh Mary Berry cho toilichte nan dèanadh cuideigin marag mar siud anns an teanta Bake Off!
’S ann à Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, a tha an reasabaidh a leanas:
“oatmeal, flour, onions, lard, salt and pepper. Mixed together and baked in a cake tin. Left to cool till morning, then fried and eaten with the usual breakfast.”
Chaidh reasabaidh airson snàil marag a chruinneachadh ann an Àrnol, Eilean Leòdhais, ach tha mise dhen bheachd nach biodh e ceart cho blasda sa tha marag mhaduinn ... cliog an ceangal seo mura h-eil sibh nur gealtair agus ma tha stamag làidir agaibh!
An do dh’ith sibh riamh marag mhaduinn no a bheil dòigh sam bith eile agaibh ga dhèanamh?
Mar is àbhaist, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo