- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Eòlas an Dèididh
Tha an t-uabhas de gheasaidhean is leighisean rin lorg tro ghliocas nan Gàidheal agus bidh sibh cinnteach leighis air choireigin fhaotainn a tha freagarrach airson an dearbh dhuilgheadas agaibh. Tha an dèideadh cho bitheanta an-diugh ’s a bha e riamh. Tha fiaclairean againne agus leighisean a bheir faochadh dhuinn gu luath, ach bidh sinn buailteach ri dhìochuimhneachadh gun robh cleachdaidhean fada na b’ annasaiche aig daoine anns na laithean a dh’ fhalbh airson tinneasan bitheanta.
Bha e na chleachdadh gum biodh cuideigin ann am baile an euslainteach a’ sgrìobhadh fhaclan co-cheangailte ri droch-fhaireachdainn an dèididh air pìos pàipeir. Cha robh e ceadaichte don euslainteach a bha a’ fulang am pàipeir fhaicinn. Chuireadh na daoine eile am pìos fo chreag. Bhiodh an dèideadh a’ crìonadh bhon euslainteach mar a bhiodh na duilean a’ caitheamh às a’ phàipeir fo chreag as dèidh grèis bheag a-muigh.
Chaidh leighis eile a chlàradh anns na Hearadh. Bha e na chleachdadh an sin tombaca a chur ann an toll anns an fhiacail. Bhiodh an tombaca a’ snighe a-steach don smugaid agus a’ toirt leighis dhaibh mar sin.
Bha Iain MacIllineain air ainmeachadh ann an Leabhar nan Gleann airson an leighis aige, a fhuair e bho seann bhoireannach an Loch Monar, Gleann Srath Farrar, Siorramachd Rois. Bha rann aige a bhiodh sibh aithris fhad ’s a bhios sibh a’ trusadh nam bioran a tha, a rèir MhicIllineain, cho feumail airson an leighis:
“Mas e a bhiast tha sa chnai(mh)” os es “ni mi do leigheas.”
(George Henderson, Leabhar nan Gleann (1898) td. 171.)
Tha rannan eile rin lorg ann an Carmina Gadelica, vol II, a thuilleadh air leighisean eile airson an dèididh. Bheir na rannan seo dhuibh beachd mu dheidhinn gach dòigh os-nàdarrach a bh’ aig na daoine a bha ’n dòchas am fiaclan a ghlèidheadh:
OB a chuir Bride bhoidheach
Romh ordag Mathar De,
Air mhir, air lion, air chorcraich,
Air chnoidh, air ghoimh, air dheud.
A chnoidh a rinn domh deistinn,
Air deudach mo chinn,
Ifrinn teann da m’ dheud,
Deud ifrinn da mo theinn.
Deud ifrinn da mo theann;
Am fad ’s is maireann mi-fein
Gu mair mo dheud am cheann.
(Alasdair MacGilleMhìcheil, Carmina Gadelica (1900), vol. II., td. 11.)
An tàinig e riamh a-steach oirbh cnàmh bod dòbhrain a chagnadh gus faothachadh a thoirt dhuibh fhèin?! Mura h-eil dòbhrain ri fhaotainn agaibh (chan eil iad cho pàilt anns a h-uile h-àite), dhèanadh uisge-beatha agus uisge teth, neo tòtaidh mas as fheàrr as aithne do dhaoine e, an gnothach ceart gu leor, no ola èisg.
Dè an leighis a mholadh sibh fhèin airson an dèididh? Nach innis sibh dhuinn air Facebook neo Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo