Gàidhlig / English
Litir bho Neach-rannsachaidh

Litir bho Neach-rannsachaidh

Air a sgrìobhadh le Kate air 11mh dhen t-Og-mhios 2015

Bho chionn beagan mhìosan, fhuaireadh fios bho neach-rannsachaidh a bha, gu dearbh, air gu leòr rannsachaidh a dhèanamh air beagan fhaclan, agus bha esan den bheachd gur h-ann bhon Bheurla a thàinig iad don Ghàidhlig. Chuir e pìosan dheth thugam anns an litir ud. Bha e air a bhith a’ feuchainn ri freumhan na facail a lorg a thàinig bho Ghàidhlig do Bheurla Aimeireaganach, nuair a shiubhail na Gàidheil thall thairis. Chuir mi romham beagan a bharrachd ransachaidh a dhèanamh air DASG airson barrachd fhaighinn a-mach dhomh fhìn.

A bheil sibh eòlach air an fhacal “spread,” a thathar a' cleachdadh airson “ranch?” Uill, bha e fhèin den bheachd gur h-ann bho “sprèidh” a thàinig an t-ainm, agus mar a thathar ag innse dhuinn ann am Faclan bhon t-Sluagh, dh’fhaodar am facal “sprèidh” a chleachdadh gus mìneachadh a thoirt dhuibh mu chruinneachadh de bheathaichean, seach crodh a-mhàin, mar a bha mi fhìn a’ smaoineachadh. Ma dh’fhaodte cuideachd, bho na sgrìobh am fear seo, gu bheil an aon ainm airson balach beag mì-mhodhail aig na h-Aimearaganaich, luchd-labhairt na Beurla Ghallda agus luchd-labhairt na Gàidhlig. ’S e seo “scallywag,” “scallaig” agus “scallag." Agus nan robh Aimearagach air choreigin airson iarraidh oirbh barrachd fiosrachaidh a thoirt dha, is dòcha gun canadh e riubh, “shoot!” Ma dh’fhaodte gur h-ann bho “siuthad” a thàinig e bho thùs. Sgrìobh am fear seo thugam gur h-ann bho “snàsmhòr,” neo “snàsail” a thàinig am facal “snazzy” a tha cuideachd gu math bitheanta ann an Aimearaga. Tha cuid den bheachd nach ann ach gu dearbh, tha an ciall a tha air cùlaibh nam faclan sin gu math faisg air a’ chèile.

 

Tha e coltach bho na sgrìobh an neach-rannsachaidh gu bheil ùidh mhòr aige ann am faclan bho dhìofar chànanan a tha gu math coltach ri chèile. Airson eisimpleir eile a thoirt dhuibh, tha mi cinnteach gu bheil sibh air daoine a chluinntinn ag èigheach ann am Beurla “bleeder!” neo “bleeding!” ’s iad a’ cur mollachdan air rud air choreigin, neo cuideigin. Uill, tha ceangal ann leis an fhacal “bleidir” sa Ghàidhlig mar dhèirceach, duine anns nach cuireadh sibh earbsa neo fiù’s cladhaire. Tha e a’ tighinn thugainn mar shean-fhacal ann an A Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases:

“tarruing am bleidir ort agus bithidh e oidhche agad.”

Chleachd Rob Donn am facal anns na h-òrain aige:

“Bharbara nighean Iain, cia àrd thu,/Cha do shaoil leam gu’n d’ fhàs thu cho baoth,/’S gu’m biodh bleidireachd mholaidh…”

Bu mhath leam mo thaing a thoirt do’n neach-rannsachaidh seo airson fiosrachaidh cho inntinneach a thoirt dhuinn. Ma tha amhrus agaibh mu dheidhinn facal air choireigin ann am Beurla neo ann an Gàidhlig, ma dh’ fhaodte gum biodh DASG feumail dhuibh gus barrachd rannsachaidh a dhèanamh air. Nach lean sibh ris a’ chòmhradh air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo