Gàidhlig / English
Bocsa Fir-chlis

Bocsa Fir-chlis

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 18 an t-Ògmhios 2015

Nach inntinneach na faclan ùra a thèid a chruthachadh ann an cànanan eadar-dhealaichte airson mìneachadh a thoirt do theicneòlas ùr. Glè thric, bidh na faclan ùra seo nas tuairisgeulaiche na faclan teicneòlach, is iad a’ cleachdadh fuaimean no ìomhaigheachd ann an dòigh neo-fhoirmeil. Anns a’ Chuimris, bithear a’ cleachdadh am facal Popty ping airson ‘microwave’ agus anns a’ Bheurla Ghallda, tha facal fernietickle ann a tha a’ ciallachadh ‘freckle.’

Sa Ghàidhlig, tha eisimpleir glè inntinneach a’ nochdadh ann am ‘Faclan bhon t-Sluagh’, is e an abairt Bocsa fir-chlis airson ‘radio’, a chaidh  a chruinneachadh anns na Hearadh. Is e fir-chlis (gu lit. ‘merry dancers’) aon de na h-ainmean Gàidhlig a th’ air The Northern Lights, agus anns a’ cho-theacsa seo tha e a’ toirt dhuinn ìomhaigh air leth tarraingeach – rudan beaga a’ dannsadh is a’ deàlradh am broinn a’ bhocsa, is dòcha nuair a bha ‘static’ ann.

Tha fir-chlis air a chleachdadh airson ‘static’ a dhealbhachadh cuideachd san dàn ‘Inneal Tha Briseadh’ ann am Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair:

“Tha ’m bucas air briseadh,
Chan fhaigh mise smid às,
Tha dealbh mar fir-chlis air
’S chan aithne dhomh chàradh;”

Ma bheirear sùil air na teacsaichean a tha ann an Corpus na Gàidhlig, chìthear eisimpleirean eile a sheallas gu dè cho freagarrach ‘s a tha fir-chlis mar mhìneachadh air ‘radio’. Ann an ‘Oran a Rinn am Bàrd’, ann an Oran le Rob Donn, tha Rob Donn MacAoidh a’ cleachdadh an samhla ‘cho luath ris na fir chlis’, agus ann an Caraid nan Gàidheal leis an Urr. Tormod MacLeòid, tha loidhne ann: ‘Bha na fir-chlise a’ cur nan car [de na speuran] fad na h-ùine.’

A bheil sibh fhèin eòlach air faclan no abairtean coltach ri bocsa fir-chlis, a bhitheadh a’ cleachdadh airson mìneachadh nas soilleire a thoirt do theicneòlas ùr? Ma tha, leig fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo