- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Babhsaigeadh
’S ann air plòigh a tha sinn a’ bruidhinn an t-seachdain seo agus, a-rithist mu tha clann òg mun cuairt theid agaibh air spòrs a bhith agaibh leis an seo. ’S ann à Eilean Leòdhais a tha am facal babhsaigeadh a’ tighinn, far an cuirear pìos maide fada tarsaing air togsaid no clach mhòr. Shuideadh cudeigin an uair sin air gach taobh dhen phìos mhaide, ’s e ‘seesaw’ a th’ aig feadhainn eile air. ’S e bousigeadh gnìomhar an fhacail.
Nas fhaide mu dheas, gu Uibhist, se dèile-bhogadain a th’aca air an aon rud, no ‘seesaw.’ Tha am facal dèile air a thoirt air pìos fada flàt do mhaide agus tha am facal bogadain a toirt seachad ìomhaigh de bhith a’ crathadh no a’ dol sìos is suas. Mar sin, tha e furasda faicinn cò às a thàinig am facal.
An do thog sibhse riamh Babhsaigeadh? Faodaidh sibh innse dhuinn air Facebook no Twitter
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo