Gàidhlig / English
Bodach-Sàbhaidh

Bodach-Sàbhaidh

Air a sgrìobhadh le Abi air Diardaoin 28mh Cèitean 2015

Nuair a bha na h-inbhich ag obair gu cruaidh air an fhearann, bha uaireannan àm ann airson na clann aca a bhith a’ cluich le dèideagan, ma bha iad idir fortanach! Bha bodach-sàbhaidh aon de na dèideagan a bha iad ga cleachdadh ann an Eilean Leòdhais agus sgrìobh Leòdhasach a leanas mu dheidhinn:

“Cudthrom freagarrach sam bith dheanadh e a’ chùis. Nuair a chuireadh sibh am bodach air gluasad, bheir e ùine mhór ag [?] air an t-sàbhadh mus stadadh e. Meud a’ bhodaich: 9” no na bu mhotha, an cumantas. E dèanta de fhiodh.”

Tha eachdraidh fhada aig na bodach-sàbhaidh no ‘gille-mirein’ ann an Alba. Is e “teetotem” an a b’ ainm dha bho thùs. Is e rud a bha ga thoinneadh le chorragan, le ceithir taobhan agus litrichean diofraite air, airson geama cothrom a chluich, coltas ri dìsinn. Bha eisimpleirean eile coltach ris rim faighinn ann an Alba, Iapan agus sa Phòlainn.

(Oliver, V. ‘History of the Top’ Spintastics Skill Toys, Inc. 2003)

Tha barrachd fiosrachadh mu dheidhinn bodachan-sàbhaidh an seo.

An robh dèideagan agaibh riamh mar am bodach-sàbhaidh, no rudeigin coltach ris? Ma bha (no ma tha fhathast), bhiodh ùidh againn ur sgeulachdan a chluinntinn tro Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo