Gàidhlig / English
Rannan Measgaichte de 'Dheochan-an-Dorais'

Rannan Measgaichte de 'Dheochan-an-Dorais'

Air a sgrìobhadh le Calum air 21mh an Dùbhlachd, 2022
Nollaig chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh-se! Tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math agus gu sunndach is aighearach! Bu chaomh leam a chlàradh an-seo gach tionndadh “Dheoch an Dorais” as aithne dhomh oir bidh e gu math feumail dhuinn fhad ’s a bhios sinn a’ dèanamh cèilidh air càirdean agus teaghlaichean. Ma bhios agaibhse, no aig duine nur measg, ri falbh na bu thràithe na càch nach gabh sibh fear de na Deochan-an-Dorais gu h-ìosal! Cuimhnichibh a bhith faiceallach ged-thà, na òlaibh cus no nas motha na b’ àill leibh.

“Verse Story and Fragments from Various Districts, Part II,” le Ùisdean Barran, ann an “Transactions of the Gaelic Society of Inverness”.
“Deoch an doruis,
Deoch an t-sonais,
Deoch an deagh thuruis;
Nì sona gun robh againn
Nì dona nach bu dual dhuinn
Air gaol sìth is eagal conais
Togaibh deoch an doruis dhuinn.”
 
“Deoch an Dorais Iain MhicAonghais,” le Ùisdean Barran.
“Deoch an dorais
Deoch an t-sonais
Deoch an deagh thurais;
Nì dona, chan eil againn,
Nì math, bu mhath leinn;
Air ghaol sìthe, is eagal conais,
Thoiribh deoch an dorais dhuinn.”
 
Deoch an Dorais Dhonnchaidh Lòdainn, ann an “The Naughty Little Book of Gaelic,” le Micheal Newton.
“Slàn do d’ mhnaoi ghil,
Slàn do d’ mhacaibh
Slàn do d’ theach o’m binne ceòl;
Slàn do d’ shràidibh geala, gainmhich
Slàn do d’ bheannaibh o’m bi ceò;
Bhon a thàrladh dhuinn bhith sona,
Is beairt dhona nach tig ruinn:
Air ghaol sìthe, is air eagal conais,
Thugar deoch an dorais dhuinn!”
 
“Deoch an Doruis”, le Alasdair MhicCoinnich, ann am “Poems and Letters by Kenneth MacKenzie”, le Ùisdean Barran.
“An am suidhe mu’n bhòrd, bruidhinn ’s ag òl,
Iorramach còir buansheasamhach
’S ceòlmhorach air canmhaineach pailt
Manran nam mac buachailleach;
Oran ’nam beul, ’s cairdeas d’a reir;
Ag aithris gach sgeul buaidhlarach:
’N am tarrainn o’n bhòrd, leasaich an stop –
Deoch an doruis, sgal mhòr shuaicheantach.”
 
Ros an Ear (Lorgar na deochan-slàinte a leanas ann an “Saoghal Bana-mharaiche,” le Seòsamh Watson).
  1. “H-uile là a chì is nach fhaic!”
  2. “Seocaibh duibhse agus do nu [/ur] cuideacheachd airson cho coibhneil bha sibhse agus nu cuideachd duinne agus do nu cuideachd! Agus dar bhios sinne agus na cuideachd cho beartach agus tha sibhse agus nu cuideachd bheir sinne agus nu cuideachd an rud thug sibhse agus nu cuideachd duinne agus do na cuideachd.”
 
Leughar na leanas ann an "Sgéalta Mhuintir Luinigh," le Éamonn Ó Tuathail.
  1. “Sláinte gun easfuí.”
  2. “Siu ort, a’s misge ort, a’s céad fáilte innsan duid.”
  3. “Seo sláinte na hÉirioonna a’s Contae Mhaigheó, ’S n’ar éagfas na Gaeil, ná robh duine ar bith beó.”
  4. “Sláinte na cuideachta ó bhalla go balla, ’s má tá a’n duine sa bhalla, go labhair se.”
  5. “Tá céad fear i nÉirinn nár ól ariamh deór, A bhfuil mála na déirce i bhfad siar air a dtóin.”
  6. “Seo fa thuairim do shláinte, a Mhinic-a-thig; Seo fa thuairim do shláinte, a Mhinic-nach-dtig, Is truagh nach Minic-nach-dtig A thigeas co minic le Minic-a-thig.”

Sin againn e! Feumaidh gum bi pàilteas Dheoch-an-Dorais agaibhse a-nis (fear airson gach mìos cha mhòr, ged nach molamaid oirbh sin a dhèanamh)! An aithne dhuibh fear sam bith de na Deochan-an-dorais an-seo? A bheil fear eile agaibh? Leig fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn. Nollaig chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo