Gàidhlig / English
Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 1

Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 1

Air a sgrìobhadh le Calum air 19mh Am Faoilleach, 2023
Fàilte air ais! Tha mi an dòchas gun robh sàr dheagh Chollainn agaibhse!

“Glaschu nam Bùth Mòr”, far-ainm airidh air Baile Ghlaschu fhèin, ach tha far-ainm eile ann a tha dìreach cho cudromach agus àraidh: “Baile Mòr nan Gàidheal”. Fad linntean tha na Gàidheil air a bhith ann an Glascho – o àm thuineacadh o thùs gus os chionn ghoirid anns na linntean a dh’fhalbh – agus mar sin, chan bhiodh Glaschu fhèin ann às aonais nan Gàidheal. Tha na Gàidheil air dìleab mhòr, fhada fhàgail air aghaidh bhaile Ghlaschu agus tha na Gàidheil air dìleab mhòr fhàgail air òrain Ghlaschu fhèin. Anns na brath-bhlogaichean seo bheir sinn sùil air òrain Ghàidhlig Bhaile Ghlaschu agus na daoine a rinn iad.

Turas Dhòmhnaill gu Glaschu – [Niall MacLeòid, à Gleann Dail, an t-Eilean Sgitheanach. Leughar an t-òran seo ann an Clàrsach an Doire.]
Dh’obraich MacLeòid ann an iomadh dhreuchd agus dh’fhuirich e ann an iomadh àite air feadh na dùthcha mar an ceudna, Dùn Èideann gu h-àraidh. Bhiodh e fhèin agus a cho-Ghàidheil ag imrich agus ag obair ann an iomadh ceàrn na h-Alba, a’ dèanamh iomadh dhreuchd anns a’ Ghalldachd. Le sluaghan mòra ag imrich gu Deas bha aig MacLeòid ri aithris a dhèanamh air an imrich agus an ath-thuineachadh anns na bailtean mòra air a’ Ghalldachd:
“Bho’n bha mòran dhe m’ chàirdean
’Gabhail tamh anns a’ bhaile
Nuair bha crìoch air an àiteach.
S a bha ’m bàrr anns an talamh,
Thug mi ‘guinea’ no dhà leam
Bh’ aig mo mhàthair am falach;
Ghabh mi bàta na smùid’
Mach gu dùthaich nan Gallaibh
’s cha b’ ann gum rath...”
[Cluinnear an-seo e air Tobar an Dualchais.]

Horo Tha Mi Fo Smalan Dheth – [Iain MacPhàidein, à Bhaile a’ Mhuilinn, Muile.]
Dh’obraich MacPhàidein anns na trèanaichean-rèile, ach bha e gu mòr an sàs ann an coimheasnachd nan Gàidheal anns a’ bhaile mhòr. Rinn e iomadh dhuan agus òran na Gàidhlig agus rinn e iomadh òran mu ath-bhaile a bheatha; Glaschu fhèin. Bha e gu mòr an sàs ann an taigh-cluiche “Athenaeum” far am bu dual dha a chuid bhàrdachd agus òrain a ghabhail. Rinneadh an t-òran seo mu bhuaidh na dibhe air muinntir a’ bhaile agus bha e fhèin an aghaidh an òil gu mòr. Bha e fhèin an sàs ann an “Iomairt nan Stuamach”, agus mar sin, agus mhol e air daoine alcol a sheachnadh:
Horo, tha mi fo smalan dheth –
An t-uisge-beatha, chrean mi air;
’S e Mac-na-Braiche fear nan car,
’s gur iomadh fear a mheallar leis,
Horo Tha mi fo smalan dheth.

Innsidh mi san ealaidh dhuibh,
A’ ghaoth a dh’fhàg a’ Challainn againn;
Bhuail i dìreach cùl mo chinn
’S mi tigh’nn a-nìos an ‘Gallowgate
Horo Tha mi fo smalan dheth...”
[Cluinnear an-seo e air Tobar an Dualchais.]

Òran don “Clutha”­ – [Iain MacPhàidein.]
B’ e bàtaichean-aiseig a bh’ anns na “Cluthas”, ag aiseag dhaoine thairis a’ Chluaidh eadar Bàta-aiseig Rinn Friù agus Drochaid Bhictoria eadar 1883 agus 1903. B’ àbhaist do mhòran sheòladairean Gàidhealach ri seòladh air na bàtaichean-aiseig seo:
“A Mhòr a bhuineadh, ’s a Mhòr a ghràidh,
A Mhòr a bhuineadh, ’s a Mhòr Nic Aidh,
Cha mhòr nach coma leam ’d é their càch,
Thèid mise fad seachdainn do Ghlaschu mòr.

O’n a bh’ agamsa leannan am baile nam bùth,
Gu ’n deach mi g’ a h-amharc aig àm na bliadhn’ ùir,
’S dh’ fhàg mi am baile ’s a’ bhàta ’s a’ mhadainn,
’S ann ormsa bha ’m fadal a dh’ fhaicinn mo rùin...”

Tillidh sinn le òrain a bharrachd an ath-thuras a’ toirt sùil air òrain a tha stèidhichte no ceangailte ri meadhan a’ bhaile. Ma tha òrain na Gàidhlig agaibhse a tha a’ buntainn ri Glaschu leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo