Gàidhlig / English
Mèananaich

Mèananaich

Air a sgrìobhadh le Calum air 4mh An Lùnastal, 2022
“Heich ho!” Fear de na rudan as miosa, a’ faicinn cuideigin a’ miaranaich agus a’ faireachdainn gu bheil agaibh ri miaranaich mar an ceudna!

Tha mòran fhaclan againn à sgìrean eadar-dhealaichte air a shon: “A’ Braos” ann an Srath Glas (air leth coltach ris an fhacal “braoisg”; Meuranaich ann an Stobhair, Asainte; “Mianan” agus “Mionanaich” ann an Gleann Urchadain; “Miaran” agus “Miaranaich” anns Na Hearadh; “Miaranaich” ann am Barbhas, Leòdhas; “Mèinich” ann an Eurabol, Machair Chat.

Ach bidh fios agaibh dè cho gabhaltach ’s a tha e mèanan àicheadh nuair a thathar air mèanan a dhèanamh, agus tha gnàthasan-cainnt againn airson dè cho “siùbhlach” is a tha mèananaich:
Ann an Srath Spè tha an t-abairt “Dh’fhalbhas am meunan o bhéul gu béul mar a dh’fhalbhas an t-éun o ghéug gu géug” air a chlàradh ann an “Tàr-Ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis..”, ann an alt le Seumas Grannd, mu Ghàidhlig Srath Spè. Tha gnàthas-cainnt coltach ri sin againn nar corpas fhèin - “Thèid am mianan o dhuine gu duine mar a thèid an t-eunan bho dhoire gu doire.”
Tha e inntinneach gu bheil tionndaidhean eile aca air “faclair.com” agus ann am faclair Dwelly cuideachd: “O bheul gu beul am mèaran, o mheang gu meang an t-eunan”; “Mèaran bho bheul gu beul ’s an t-eunan bho thom gu tom”; “mèaran o dhuine gu duine mar eun o dhoire gu doire”.
Ann am faclair Ghàidhlig Dhùthaich MhicAoidh, le Seumas Grannd, tha an t-abairt “Farmad a’ mhianain” ann airson an aon nì.
Ged b’ e cho goirid a tha am brath-bhloga seo an turas-sa bidh sibh a’ miananaich co-dhiù! Leigibh fios nan do còrd e riubh. A bheil sibh eòlach air na faclan no abairtean fos cionn? A bheil facal no abairt eadar-dhealaichte agaibhse? Leigibh fios dhuinn air
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo