Gàidhlig / English
Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba (Pàirt 4)

Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba (Pàirt 4)

Air a sgrìobhadh le Calum air 28mh An t-Iuchar, 2022
Fàilte air ais gu pàirt 4 Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9. An t-seachdain-sa bheir sinn sùil air òrain, bàrdachd agus duanagan mu àitean air, no mu timcheall, a’ mhòr-rathaid A9, a’ leantainn oirnn o bhaile Inbhir Nis gu Inbhir Ùige, crìoch an A9.
 
Rannan do Chlèir na h-Eaglaise Saoire an’ Inbhir Nis – Inbhir Nis
Tha a’ chiad òran seo ri leughadh ann an “Some Gaelic Verses from North Inverness-shire” le Ùisdean Barran ann an "Transactions of the Gaelic Society of Inverness". ’S e “Rannan do Chléir na Eaglaise Saoir ann Inbhir-nis. Mu sheinn nan laoidhean ùr ann an Aoradh Follaiseach an Tighearn’” –
“Gabhaidh sinn an t-seann chlach-chrìch’
A bh’ aig ar n-aithreachan ‘s gach linn,
’S cumaibh dìreach air an t-slighe
Tha dìreach chum Shinai.
 
An t-Ollamh MacAoidh, an gaisgeach tréun
’S Maighstir Dòmhnallach mar an céudn’,
Sheas iad dìleas aig a’ chléir
Air taobh an Lagh ’s nan Aithneantan...”
 
Co-dhiù, thugainn Fonn nan Gaisgeach” le Iain MacIlleathain – Droighnidh, Maol Buidhe agus Nòbhar –
Rinn Iain MacIlleathain, à Droighnidh, Maol Buidhe, anns an Eilean Dubh, an t-òran seo. B’ esan Bàrd “Highland Land Law Reform Association” agus rinn e an t-òran seo don Dhotair Ruairidh Dòmhnallach a bh’ anns an taghadh choitcheann ann an 1895, thugadh buaidh air Fear Nòbhair, à baile Nòbhair. Sheas Dr Dòmhnallach air leth nan croitear agus chaidh an t-òran seo a dhèanamh dha –
“Co-dhiù thogainn fonn nan gaisgeach
Anns gach àit’ an òlainn drama;
Co-dhiù thogainn fonn nan gaisgeach.
 
’S e Dotair Dòmhnallach tha mi ’g ràidhtinn –
Is mac croiteir e gun àicheadh;
Thug e buaidh air Fear Nobhàr,
À Taigh na Pàrlamaid, chùm e mach e.
 
Ach gur e mo cheist an t-uasal
Sheas gu dìleas anns a’ chruadal;
Thug e nise uile buaidh orr’,
’S tha e shuas a dheòin no dh’aindeoin...”
 
An Linnet Mhòr” le Artar Ros – A’ Mhachair Rois
Tha am baile seo beagan air astar bhon A9 ach tha e cudromach a thaobh eachdraidh na sgìre. Chaidh am bàta "The Linnet" fodha, faisg air oitir Chataboil. Chaidh sgioba daoine a’ bhaile a-mach gus am bàta a shàbhaladh mus deach e fodha ach chaidh am bàthadh le sgioba a’ bhàta. Chaidh an t-òran a dhèanamh le Artar Ros, à Lòintean Rath-Riachaidh, sgìre na Manachainn, los an oidhche uamhaidh a chomharrachadh nar cuimhne –
“...An ‘Linnet’ Mhòr bha siubhal a’ chuain
Thàinig a-steach air oidhch’ fo ghruaim
Is chaidh iomrall anns an dorch
Is thilg an stoirm i Chadabol...”

Òran do Chataibh” le Iain Rothach, Creich Bheag – A’ Mhachair Chat
Bha bàrd an òrain seo ag obair ann am Baile Chluaidh agus bha cianalas aige ri tilleadh gu tìr àillidh àraich agus a thogail. Rinn e an t-òran seo a’ moladh nàdar, àilleachd, agus atharraichean sgìre a dhùthchais –
“O thèid sinn, thèid sinn le suigeart agus aoidh
O thèid sinn, thèid sinn gu deònach,
O thèid sinn, thèid sinn thairis an t-Srùidh,
Gu tìr ar dàimh is ar n-eòlais.
 
Ged bha sinn bliadhntan fada, fada bhuaithe
Am Baile Chluaidh a’ còmhnaidh,
An tamall beag gun trèig sinn ar gairm is gun tèid sinn
A dh’fhaotainn an gràidh is an còmhraidh...”
 
“Marbhrann don Iarla Chatach” le Rob Donn MacAoidh – Dùn Robain
“Rugadh mise anns a’ gheamhradh,
Measg nam beanntaichean gruamach;
’S mo chiad sealladh den t-saoghal
Sneachd is gaoth mu mo chluasaibh;
On chaidh m’ àrach ri aghaidh
Tìr na deighe gu tuathail,
Rinn mi luathreach tuiteam
’S rinn mo chuislidhean fuaradh.
 
Chrìoch mi sgur de na dàintibh
Chionn mo thàlann bhith gèilleadh;
Ach chan fhuil’ngeadh mo nàdar
Dhomh bhith nam thàmh air an adhbhar-s’ –
Ceannard teaghlaich Dhùn Robain
Na luighe ’n Abaid Dhùn Èideann,
Gun aon fhocal aig filidh
Dhèant’ na shiorramachd fèìn da...”

Marbhrann do Dhòmhnall MacAoidh, duine urramach bha do thàmh ann an Risgill, Sgìre Latharn an’ Gallaibh ” le Seòras MacAoidh, à Rostar  – Risgill
Tha am marbhrann a’ moladh fear tapaidh, Dòmhnall MacAoidh, à Reisgill, Gallaibh –
“Is fhad a chualas fuaim do chaochladh,
Dhòmhnaill MacAoidh bhiodh bhràigh a’ Risgill,
Cha robh an Alba na bu dìsle,
Do dh’adhbhar Chrìosd an uair a b’ ìsle e.
 
’S trom an ochdach th’ aig tìr, chàirdean,
’Giùlan cionalas do bhàis-sa,
Dh’fhàg thu beàrn nach tèid a chàradh
Ach an dealaich bodhag a bhàis rinn...”
 
Marbhrann na fìor fhianais, Alasdair Gair” – Inbhir Ùige
Chaidh Alasdair Gair a rugadh ann am Morangie, faisg air Baile Dhubhthaich, ann an 1772 agus às dèidh dha tìm a chur seachad ann an Cataibh dh’imirch e gu Gallaibh ann an 1817. Thug e cobhair do na Gàidheil ann an Gallaibh, gu h-àraidh ann an Inbhir Theòrsa, leis an ionnsachadh agus an sòisgeulachadh –
“Tha sgeul a tha ri h-innse,
’S an tìm seo glè chràiteach,
Don fhuidheal[?] làg sgìth,
Tha nan aonar san fhàsaich.
 
Bhi lambhach[?] na fìor-fhianais,
Gu dian leis a’ bhàs aist’.
Is do rèir a rùn shìorraidh,
Gun d’ eug E, Alasdair Gair leis...”
 
Bu chaomh leam brath-bhloga eile coltach ri seo a dhèanamh turas eile, leis na rathaidean a’ dol gu Tuath air an taobh siar, dè ur beachdan? An robh sibh eòlach air na h-òrain, pìosan bhàrdachd no duanagan fos cionn? A bheil feadhainn eile agaibhse? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo