Gàidhlig / English
Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 4 (Eòlas a' Bheum-Shùla)

Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 4 (Eòlas a' Bheum-Shùla)

Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh An Gearran, 2022
Tha sinn air a bhith a' toirt sùil air An Droch Shùil agus eòlasan nan aghaigh, mar is soilleir dhuibh a-nis, agus tha eòlasan a bharrachd an t-seachdain-sa. Tha eòlasan eile againn a tha nas pearsanata a tha air an tighinn o mhnathan aig an robh eòlas aca fhèin, no a bha eòlach air orthaichean no eòlasan eile mar-thà:

1. “Eòlas Bheim Shùl le Nic Aoidh”“Paidir a h’ aon, Paidir a dhà,
Paidir a trì, Paidir a ceithir,
Paidir a còig, Paidir a sia,
Paidir a seachd,
Aon sùil a thug an aire dhuit, [Ainm,]
Mar thionndaidheas a’ ghaoth air a’ chnoc,
Gu tionndadh an olc orra fèin.
Mar thionndaidheas a’ ghaoth air a’ chnoc,
Gu tionndadh an olc orra fèin.
Mar thionndaidheas a’ ghaoth air a’ chnoc,
Gu tionndadh an olc orra fèin.”

2. “Eòlas a’ Bheim shùil le Ann Chaimbeil”

“Saltruighidh mis air an t-sùil mar a shaltruigheas Eala air Tigh nocht.
Ta neart gaoithe agam air, ta neart greine agam air,
Ta neart mhic Rìgh, neamh agus talmhainn agam air.
Trian air na clacha glasa – ’s trian air a’ mhuir mhòir as i fèin acfhuinn as fheàrr ga ghiùlan.
An ainm an Athar, a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh,
Amen.”
 
Tha dòigh eile ann airson daoine a dhìonadh on dhroch-shùil ’s e a chantainn “Dia gad ghlèidheadh,” ri fear na tè a bhios a’ bleoghainn an cuid chruidh, le iadsan gur freagairt le “Dia dhut fhèin.”

Leanaidh sinn oirnn turas eile le “Eòlasan Galairean Dhaoine” turas eile. A bheil geas, sian, eòlas no ortha agaibhse airson ur dìonaidh? A bheil fios agaibhse air daoine a bhios, no a bhiodh, gan dìonadh on dhroch-shùil le geas no seun man leithid fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo