- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 3 (Eòlasan an Droch-Shùla)
Air a sgrìobhadh le Calum air 17mh An Gearran, 2022
“Thug e an t-sùil ort,” “Chuir iad gonadh ort,” “Chuir e droch-shùil annad”; Abairtean feagallach do dhuine sam bith ma chuireas an droch shùil oirbh! Mar a bhios fios agaibh mar-tha, ma tha sibh air brath-bhloga na seachdaine sa chaidh “Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 2 (Siantan Cuimhneachaidh Aisling agus Seuntan Dìonaidh)” tha eòlas, sian agus ortha aig Gàidheil airson iomadh nì agus tha mòran dhiubh airson “an Droch-Shùla,” a tha anabarrach feagallach do na Gàidheil. Taing do Dhia gu bheil sinn ullaichte le eòlasan air an son anns a’ bhrath-bhloga seo!“Eòlas an Droch-Shùla”
Nuair a laigheas an droch-shùil air duine sam bith sirear airson fhògradh gu luath agus tha iomadh eòlas ann airson an dearbh nì a dhèanamh. ’S e bùrn agus airgead an leigheas as cumanta agus theirear gun gabhar an leigheas leis no às aonais an t-eòlas aithris. ’S e an cleachdadh gun cuirear bonn-òir, airgid agus umha ann am bobhla bùrn. Canar an neach-aithris an t-eòlas agus sèididh iad air a’ bhobhla agus crathaidh an neach-aithris air an neach-faighinn – no an neach-fulaing ma thogar – agus aithrisidh iad an t-èolas:
“’S e an t-sùil a chì,
’S e ’n cridhe a smuainicheas,
’S e ’n teanga ’labhras.
’S mise ’n triùir gu tilleadh so ortsa, [Ainm an neach-faighinn,]
An ainm an Athar, a’ Mhic ’s an Spioraid Naoimh.”
[“’Tis the eye that sees, the heart that thinks, and the tongue that speaks. I am the three to turn this off you, [name of the recipient,] in the sam of the Father, the Son and the Holy Spirit.”]
Tha fear eile againn den ainm “Eòlas a’ Chronachaidh” far an gabhar eòlas ach às aonais a’ bhùirn. Canar gun seinnear an t-èolas seo ri torman na h-uisge fhad ’s a thatar a’ lìonadh bobhla no soitheach coltach:
“Dèanaim-sa dhut-sa eòlas air sùil,
À uchd ’Ille Phàdruig naoimh,
Air at amhaich is stad earbuill,
Air naoi conair ’s air naoi conachair,
’S air naoi bean seang sìth,
Air sùil seana-ghille, ’s air sealladh seana-mhnà;
Mas a sùil fir i, i lasadh mar bhigh,
Mas a sùil mhnath’ i, i bhi dh’ easbhuidh a cìch.
Falcadair fuar agus fuarachd da ’fuil,
Air a nì, ’s air a daoine,
Air a crodh ’s air a caoraich fèin.”
[“Let me perform for you a charm for the evil-eye,
From the breast of holy Gil-Patrick,
Against swelling of neck and stoppage of bowels,
Against nine “conair” and nine “Conachair,”
And nine slender fairies,
Against an old bachelor’s eye, and an old wife’s eye.
If a man’s eye may it flame like resin,
If a woman’s eye may she want her breast;
A cold plunge and coldness to her blood,
To her cattle and sheep.”]
Tha “Eòlas a’ Chronachaidh eile againn cuideachd:
“Paidir a h’ aon, Paidir a dhà,
Paidir a trì, Paidir a ceithir,
Paidir a còig, Paidir a sia,
Paidir a seachd,
’S neart nan seachd paidirean a’ sgaoileadh do ghalair air na clachan glas ud thall.”
[“Paters 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7,
And may the strength of the seven paters cast out your disease amidst the gray-stones over by.”]
Leanaidh sinn oirnn turas eile le “Eòlasan a’ bheum-sùla” an ath thuras. A bheil geas, sian, eòlas no ortha agaibhse airson ur dìonaidh? A bheil fios agaibhse air daoine a bhios, no a bhiodh, gan dìonadh le geas no sian man leithid fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo