Gàidhlig / English
Breacadh an Rionnaich

Breacadh an Rionnaich

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 7 an Cèitean 2015

Anns na beagan sheachdainean a chaidh seachad, tha sinn air iomadh atharrachadh fhaicinn san t-sìde. Mar sin, an t-seachdain-sa tha sinn a’ coimhead air abairt leis am biodh daoine a’ toirt breith air an aimsir: Breacadh an Rionnaich / Breacadh-rionnaich. Chaidh an abairt a chruinneachadh anns na Hearadh agus ann am Barraigh, agus tha e coltach ris an abairt sa Bheurla ‘mackerel sky.’ Tha e ga mhìneachadh cuideachd mar ‘a streaky sky with light and dark blue.’

Tha e inntinneach gu bheil breacadh an rionnaich na comharradh an dà chuid air deagh shìde agus droch shìde. Ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha an abairt a’ nochdadh fon tiotal ‘Foretelling bad weather’ agus cuideachd ann an liosta le cuideigin à Uibhist a Deas, a tha a’ toirt seachad an abairt ‘feusag nan gobhar’, a tha ga mhìneachadh mar: “weather indicator similar to breacadh an rionnaich...followed by rainy weather.”

Ann an Suathadh ri Iomadh Rubha le Aonghas Caimbeul (no Am Puilean mar a b’ fheàrr a dh’ aithnichear e), ged tha, tha breacadh rionnaich a’ nochdadh mar aon de na ‘samhlaidhean math’ ann an liosta de chomharraidhean leis am biodh daoine a’ toirt breith air an aimsir. Tha rann cuideachd ann an Toimhseachain agus Dubh Fhacail le Alasdair MacNeacail:

Tha breac an rionnaich air an adhar;
Latha math am mà
ireach.”

Ann am beul-aithris na Beurla, tha an abairt air a chleachdadh anns an dà sheagh deagh shìde agus droch shìde cuideachd – bhiodhte ag ràdh ‘mackerel sky, not twenty-four hours dry’, ach cuideachd ‘mackerel sky, three days dry.’

‘S dòcha gu bheil beachd agaibhse aig a bheil màirnealachd (gliocas mun t-sìde) carson a tha breacadh an rionnaich na samhla air dà sheòrsa aimsir a tha gu tùr eadar-dhealaichte – ma tha, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo