- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Milleag-nan-cruach
Leis gu bheil na h-oidhchean a’ fàs fada agus an t-sìde a’ fàs nas fheàrr ’s dòcha gun bheil abairt na seachdain seo freagarrach airson beagan spòrs, gu h-àraid ma tha clann òga mun cuairt. ’S ann air geama a tha sinn a-mach an t-seachdain seo agus b’ e sin ‘Milleag-nan-cruach.’
’S ann à Uibhist a tha an geama seo a’ tighinn, ged a tha seòrsaichean dhen aon rud aca ann an Leòdhas. Bhiodh an geama seo nas cumanta aig àm an fhoghair nuair a thigeadh aig clann a bhith a’ falach air feadh nan cogaichean-ardhbhar. Tha an geama a’ tòiseachadh nuair a bhios “Mhalaic nan cruaich” air èibheach. Anns a’ gheama seo, bidh clann a’ dol air falach air aon duine, tha acasan an uair sin ris a’ chòrr a’ ghlacadh. Tha a chiad fhear no tè a th’ air an glacadh an uair sin ri cunntais anns an ath gheama. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil an geama seo a dol eadar ‘tig’ agus ‘hide and seek.’
A bheil cuimhne agaibhse air a’ gheama seo, no feadhainn coltach ris? Nach innse sibh dhuinn air facebook no twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo