- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Dronnag
An t-seachdain-sa, tha sinn a’ toirt sùil air an fhacal dronnag, agus faclan eile a tha ceangailte ri obair na mòna.
Ged a tha am facal dronnag air a chleachdadh mar as trice leis a’ mhìneachadh ‘druim’, chaidh am facal a chruinneachadh ann an Cinn-tìre agus ann an Eilean Leòdhais le mìneachadh eile: sgiorta gharbh a bhiodhte a’ pasgadh agus a’ cur aig meadhan an duine a bha a’ toirt na mòna dhachaigh, mar phillean airson a’ chliabh (basgaid anns am biodhte a’ tarraing na mòna).
Is e dronnag am facal a bhiodhte a’ cleachdadh airson a’ phillein seo, agus is e còta-dronnaig an sgiorta fhèin.
Mar a chì sibh anns an dealbh, bhiodh osan agus iris air an duine a bhiodh a’ tarraing a’ chliabh cuideachd. Is e stocainn le bonn na coise air a thoirt dhith a bh’ anns an osan, is i air a chleachdadh airson casan nam boireannach a chumail blàth nuair a bha iad ag obair cas-ruisgte, agus airson an casan a dhìon bho fhraoch gharbh.
Is e ròpa a bh’ anns an iris a bhiodh a’ cumail a’ chliabh air guailnean an duine a bha ga tharraing.
A bheil sibhse air na faclan seo a chluinntinn no a chleachdadh? Ma tha, bhiodh ùidh againn ur sgeulachdan a chluinntinn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo