- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Grioglachan
Grioglachan
Thoiribh sùil don iarmailt os ur cionn gus am facal a lorg an t-seachdain-sa!’S e “Pleiades,” neo “the Seven Sisters” a th’ anns a’ Ghrioglachan.
Chuir tè dhen luchd-leughaidh fios thugainn le ainm eile air an son: Sruth Ghoraidh Chròbain, agus gur e siud a bh’ aca air an Eilean Mhanain. Tha ceangal aig Goraidh Chròbain ri Ìle, is e ri radh gu bheil e air a thiodhlaigeadh faisg air Ceanntragh.
Chaidh am facal a chlàradh anns na Hearadh agus b’ e siud a t-ainm a bh’ aig Donnachadh M. Conall à Taigh an Uillt, anns an leabhar aige:“Reul-eolais.” Tha Conall ga mhìneachadh còmhla ris a’ Chrann Arain, neo Slat-tomhais. Sgrìobh e gum faic sinn “Grunnan neo Grioglachan nan Seachd-Rionnag.” Donnchadh M Conall, Reul-Eolais, td. 25. ’S e th’ ann an grioglachan buidheann de rudan beaga, mar rionnagan. Tha seo a’ toirt dhuinn beachd gur e ‘cruinneachadh’ a tha air cùlaibh ciall an fhacail seo.Gu dearbh, tha ciall an ainm a’ tighinn am follais anns na duileagan mu dheireadh de Reul-eolais: “Tha na rionnagan air an roinn a mach le reultairibh o cheann uine mhòr a nis ’nan grioglachanaibh, no grunnanaibh, leis am bheil iad air an comharrachadh agus air an aithneachadh;…”Donnachadh M. Conall, Reul-Eolais,td,121.
Anns an Ogha Mhòr, tha dealbh taitneach air a dheanamh dhuinn dhen Grioglachan ann an co-sheirm ri nàdar na talmhainn. Bha a’ Ghrioglachan: “priobach an sid a’ caithris; is e trang ag àireamh triall nan anam a fhuair crioch an dàin roi’n mhithich.” Aonghas MacDhonnachaidh, An t-Ogha Mòr,td.138
Cluinnidh sibh cuideachd gu bheil na Grioglachan air nochdadh ann an òrain nan Gàidheal. Chuir neach-leughaidh eile òran thugainn.: Òran a’ Ghrioglachain.
’S e Sgriob Chlann Uisnich a chleachdadh cuid eile airson am “Milky Way”. Tha an t-ainm seo a’ tighinn bho ùr-sgeul mu dheidhinn Deirdre agus Chlann Uisnich. Tha an naidheachd ag innse mar a dh’ fhàs anaman a' Chlann mar chraobhan air na h-uaighean aca. Dh’ fheuch rìgh olc ri chur às dhaibh, le bhith gan leigeil agus gan tiodhlaiceagh ann an diofar àitean. Theich iad a dh' fhuireach mar sgrìob bhàin de rionnagan a chì sibh air oidhche soilleir.
Tha sinn airson taing mhòr a thoirt do na daoine a chuir fios thugainn mu dheidhinn blog na seachdainne.Nach innis sibh dhuinn mu dheidhinn sealladh air leth àlainn a chunnaic sibh dhe Na Grioglachan, An Sgriob Chlann Uisnich neo gu dearbh, miorbhuil sam bith eile san iarmailt, air Facebook neo Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo