- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanchas Thobraichean Mhachair Rois: Pàirt 2
Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh, an Lùnastal, 2020
Tha fàilte agus fuaran oirbh uile dhan bhrath-bhloga againn! Tha sinn a’ leantail leis an aon chuspair a bh’ againn an t-seachdain sa chaidh a’ bruidhnich mu Sheanchas Thobraichean Mhachair Rois. Mur eil sibh air am brath-bhloga seo fhaicinn mar-thà nach toir sibh sùil air an seo!Tha “Tobar nam Puill Linn” ri lorg gu taobh a deas Ràth-riachaidh an Iar, agus nas fhaide gu siar air sin lorgar “Tobar Sèin Sutharlain” (“Sìne Sutharlanach”) ann an Druim na Daoil (Drumdil), faisge air Chapelhill. Lorgar “Tobar Eadhain Bhaist” gu deas air a’ Chnoc Dubh ("Cnonc" mar a chanas muinntir na sgìre) agus “Tobar a’ Bhaistidh” ann an Cinn-deis Bheag (Ankerville). Tha e inntinneach a lorg gu bheil an dithis Thobar Bhaistidh rin lorg faisg air eaglaisean. Bha buaidh na h-eaglaise làidir anns an sgìre seo, mar sin feumaidh gum b’e sin an t-adhbhar gun do chuir muinntir na sgìre iomradh de Naomh Eòin Baiste ri fear dhuibh; bhiodh e freagarrach nan deach eaglais a thogail faisg air fuaran no tobar. Tha fuarain baistidh cumanta ann an seanchas nan Gàidheal, a’ crochadh air an àite. Tha an cleachdadh seo, no iomhaigh dheth, gu math cumanta le eaglaisean bhaisteach, a’ dol dhan abhainn airson an ath-bhaistidh anns an abhainn. Tha seo ainmeil anns an òran “Down to the River” mar eisimpleir, air ’eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig gu “Sìos Dhan An Abhainn.” Tha an t-ainm “Tobar Eapaig Gheàrr” aig “Tobar Eadhain Bhaistidh” mar an ceudna.
Eadar Ràth-riachaidh agus Cùl-lios lorgar “Tobar nan Deala Mòra” no “Tobar nan Geala[n] Mòra.” Tha mi an dòchas nach b’ e tobar ainmeil a bh’ ann airson mòran ghnìomh!
Nas fhaisge gu deas lorgar “Tobar a’ Chòirneil” aig Baile-fearainn na h-Eige, le “Tobar na Coille” ann am Baile na Coillean. Feumaidh gum b’ àbhaist do Còirneal a dh’fhuirich ann. Lorgar “Tobar Alaidh Bodhsa” a bheireas uisge go Taigh Westfield. A’ cromadh gu ceann a deas an Rois aig Caisteal Dùn Sgàth lorgar “Tobar Dhùn Sgàth.” Tha feadhainn den bharail gum b’ e seo an t-àite far an d’ ionnsaich Sgàthach sgilean-cogaidh agus ealantas-chòmhraige do Cù Chulainn ach tha a’ mhorchuid den bheachd gur e Dùn Sgàthaich ann an Slèite, An t-Eilean Sgitheannach, an dearbh àite. Theagamh ’s gu bheil àite eile ri lorg a dh’iarras an cliù sin a bhuannachadh air an son fhèin!
Air leathadan Beinn na h-Eige, aig Cadha an Ruighe, tha “Tobar Cadha an Ruighe” ri lorg. B’ ann an seo, a rèir seanchas na sgìre, a dh’fhuirich feadhainn de na Cruithnich linntean air ais.
B’ ann air mullach na beinne a lorgar “Tobar na h-Èiteachan” agus, ann an seanchas na sgìre, b’ àbhaist do cùiltearan, no pòitearan ma dh’ fhaoidte, ri fuirich an seo. ’S e àite air leth math a th’ ann airson seallaidhean agus fàire a chumail air na tha mur cuairt, le tìm ri teich nam biodh am feum ann. Bhiodh iad ann an àite uamhaidh mhath nam b’ e cùiltearan-mara a bh’ annta mar an ceudna, le cothrom aca ri teich ris a’ mhuir no gu na h-uamhan fodhpa.
Tha mòran de na tobraichean seo cleithte no duilich ri lorg, theagamh ’s nach bi a h-uile fear dhaibh furasta ri lorg sna làithean an-diugh ach b’ fhiach aire agus taidhe a thoirt dhuibh man deidhinn. Tha e inntinneach ri lorg gu bheil eachdraidh sùimneil agus spèiseil anns gach tobar agus fuaran seo agus am feum a bha iad do muinntir agus sinnsearan o sheann mar an ceudna. Ma tha sùim agus spèis agaibh ann an ainmean-àite agus dinseanchas na sgìre thoiribh sùil air seaboardhistory.com, tha iad air blogaichean air leth inntineach fhoillseachadh a bha glè cuideachail dhomh ris a’ bhloga seo a sgrìobhadh.
Saoil ma tha fuaran no tobar faisge oirbh fhèin? A bheil sibh eòlach air fear de na tobraichean fos cionn? Leig fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo