Gàidhlig / English
Seanchas Thobraichean Mhachair Rois: Pàirt 1

Seanchas Thobraichean Mhachair Rois: Pàirt 1

Air a sgrìobhadh le Calum air 29th an t-Iuchair, 2020
“Cha tuig sinn fiach an uisge gus am bi an tobar tioram” le Tòmas Miller, 's e seanfhacal air leth fìor dhuinn uile a th' ann. Tha e soilleir dhuinn fiach an tobair an-diugh ach saoilibh dè cho feumail is a bha e anns na bliadhnaichean agus linntean roimhe. B’ e goireas cudromach dhuinn san tìm a chaidh seachad agus saoilibh càite am bitheamaid às aonais. Mar sin chuir mi romham ionnsachadh mu na tobraichean sgaoilte ann an sgìre mo shinnsearachd ann am Machair Rois agus bheir sinn sùil orra sa’ bhloga seo.

Chaidh iomadh fhuaran agus tobar a lorg agus àiteachadh anns an sgìre le feadhainn dhaibh aig a bheil feartan-leighis, seanchas no eachdraidh pearsanta cha mhòr. Dh’ionnsaich mi mòran mun deidhinn bhon leabhar “Place Names of Ross and Cromarty” le W. J. Mac a’ Bhatair, sgrìobh e mòran mu na tobraichean ri fhaighinn ann an sgìre na h-eige, agus ceann a deas a’ Mhachair.

Tha “Tobar na Baintighearna” ri lorg aig Baile a’ Chnuic (“Baile a’ Chnuinc” ann an dualchaint na sgìre) aig seann sheipeal Mhoire. Chuir muinntir na sgìre an t-ainm “Our Ladyis Chapell” ris. Tha dithis thobar eil ri an lorg air an oitir faisg air “Tobar na Baintighearna”; “Tobar a’ Bhaile Dhuibh” agus “Tobar Suardalain”. Chaidh an làrach seo air a chleachdadh airson cloinne mì-bhaiste a theirig (no mar, “Cruach na bPáiste,” mar a chanas iad ann an Èirinn.)

Tha “Tobar Chormaig” ri lorg aig Baile-fearainn Sheannduig le “Tobar na Muice/Tobar nam Muc” agus “Tobar a’ Chlaidheimh duibhe” rin lorg ann an Seannduig fhèin. Chan e seo an t-ainm slàn a th' air ged-thà, ’s e “Tobar a’ Chlaidheimh Duibhe an Èirinn, is i air aghaidh na greine an (am) Port an Druidh.” Thathar ag ràdh nach èirich an t-uisge ach steallaidh e às a’ chloich. Tha Port an Druidh (Draoidh)  gu taobh siar Sheannduig. Tha sgìre ha h-Eige ainmeil airson aimhreit agus bruaillean na h-eachdraidh fhèin, mar sin feumaidh gum b’ e sin an t-adhbhar is gu bheil tobar-leighis ri lorg le claidheimh dhubh na ainm!

Tha “Sùil na Bà” agus “Leisgeig” rim faighinn beagan gu tuath air Ràth-Riachaidh an Ear. B’ àbhaist do muinntir na sgìre an crodh a thoirt dhan uisge ri òl aig an fhuaran seo. Tha am fuaran seo ri lorg eadar dà raoin, a bhios gu math freagarrach airson uisge a thoirt dhaibh. Tha “Leisgeig” ri lorg nas fhaisge gu tuath gu Baile a’ Bhealaidh, ainmichte o chionn ’s nach sruth am fuaran seo gu mòr, a’ coimhead gu bheil e “nas leisge” na fuarain eile!

Gu deas air Ràth-riachaidh tha trì tobraichean eile rin lorg: “Tobar Cnoc Choinnich,” “Glagaig” agus “Tobar na Slàinte.” Tha “Tobar na Slàinte” àraidh anns an sgìre air sgàth ’fheartan-leighis, b’ àbhaist do dhaoine a dhol dhan tobar seo airson an slànachadh agus bhiodh aca ris a’ chuairt a ghabhail gun ag ràdh dùrd no facal ri duine sam bith ris a bhuaileas iad air sgàth ’s nach obrachadh feartan an tobair mar sin.

Faisg air Ràth Ràth-riachaidh (riabhach-idh) fhèin lorgar “Tobar na h-Iù.” Ann an seanchas na sgìre b’ e ràth Dhanmhairgeach no sìthean no cathair a bha an ràth fhèin ach b’ e ràth a bh’ ann o linne nan Cruithneach. A rèir leabhar Mhic a’ Bhàtair chanadh na Cruithnich “Tiugamaid ’bhàn ’dhèanamh rotha riachagan,” b’ àbhaist dhaibh a dh’fhuirich air Cadha an Ruigh’, nas fhaisge air leathadan Beinn na h-Eige. Bha feartan-leighis aig an tobair seo agus ghabhadh a chleachdadh airson “White Swelling.” Aig bun an ràtha lorgar an tobar seo. Tha rann ceangailte mun tobair seo;

“Tobar na h-iù, Tobar na h-iù,
’S ann duit bu chumha bhi uasal:
Tha leabaidh deis ann an iuthairnn
Do ’n fhear a ghearr a’ chraobh mu d’ chluasan.”

B’ àbhaist do craobh iubhair a bhith faisg air an tobar seo, leis a mheuran a’ crochadh fos cionn an tobair ach chaidh a leigeil uaireigin o shean, chan eil mi air sgeul a lorg nan deach a leagail le cuideigin, no gu dè a thachair ris neach às dèidh dhaibh a’ chraobh a leagail!

Leanaidh sinn oirnn le tuilleadh sheanchas mu thobraichean Mhachair Rois anns an ath-bhloga. A bheil fios agaibh mu sgeulachdan coltach? A bheil tobar no fuaran faisg oirbh far a bheil sibh fhèin? Leigibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo