Gàidhlig / English
Gaoth-carach

Gaoth-carach

Air a sgrìobhadh le Calum air 28mh an Cèitean, 2020
Tha mi air a bhith a’ leughadh “Irish Superstitions”, le Dáithí Ó Hógáin, mu shaobh-chrabhaidean nan Gàidheal agus tha iad uile gu math inntinneach, a’ toirt sùil air lèirsinn agus tuigse a’ Ghàidheil o sheann. Tha e inntineach ri lorg nach eil mòran air atharrachadh a thaobh shaobh-chràbhaidhean a tha againn fhathast an-diugh.

Bu mhath leam sùil a thoirt air faclan a tha a’ dèiligeadh ri “cuairt-ghaoth”, “iomadh-ghaoth,” “gaoth-chuairtein” m.s.a.a. ann an Gàidhlig na h-Èireann, a’ tòiseachadh le “Fear na Gaoithe”, am fear a tha as coireach na gaoithe agus airson cruachan arbhair a bhualadh agus a leigeil anns an fhoghair, gu h-airidh mur eilear air an cruachan a thrusadh anns an sabhailean. Tha sgeulachd ann am Mumhan far an robh balach bhanntrach a bha iargalta leis gu bheil a’ ghaoth air taigh a mhàthair a chronachadh. Mar sin thog e air a dhol a chèilidh air fear na gaoithe airson dìolaidh. Lean e àird na gaoithe gu toll mòr air an talamh far an do lorg e fear na gaoithe, ris a rinn e a ghearan. Cha robh fios aig fear na gaoithe air a’ chron a rinn e dhan bhanntrach agus ghabh e truagh an uair sin. Mar sin thug e dìoladh dhan bhalach le balg-sèididh aig an robh comas stoirmean agus a’ ghaoth a smachdachadh. Leis a’ bhalg-sèididh seo thàinig a’ ghille seo a bhi na dhuine beartach an uair sin.

Tha, agus bha, cuid dhaoine den bheachd gu bheil diathan as coireach airson gaoith-carach nuair a ghluaiseadh iadsan san adhar: Canar cuideachd gu bheil na sìthichean as coireach agus tha sin soilleir anns a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir tha “Sitheadh gaoithe” [sèideadh gaoithe] ann ach ’s ann bhon fhacal “sí gaoithe” [sìth gaoithe] a tha e, a’ feuchainn gun a bhith ag ainmeachadh nan sìth fhad ’s a bhios iad a’ dol mun cuairt. Nam faicear “sitheadh gaoithe” mholar gun a bhith a’ coimhead air agus mholar ùrnaigh aithris. Tha seo soilleir air sgàth an ainm eile air a shon, “Deamhain aeir” [deamhan adhair], ag aithneachadh a’ cheangail òs-nàdarra, ana-Crìostail mar an ceudna. Ach dh’fhaodadh am mìneachadh seo a bhith ro “làidir” airson feadhainn is mar sin canar “leamhan aeir” [laomainn adhair], a tha fada nas tlàchdmhoir na ìomhaigh. Tha mi air an fhacal “Fairy wind” a leughadh àiteigin ann an Alba airson an aon nì. Tha e inntinneach gu bheil an smuain seo co-roinnte le dualchasan eile ann an Alba agus Eòrpa. A bheil facal no eòlas agaibh fhèin mun leithid?

Nar corpas fhèin tha mòran fhaclan againn airson “gaoth-carach” à sgìrean eadar-dhealaichte fa leth. Seo dhuibh liosta de na tha againn: Cuairteag (Sròn an t-Sìthein), cuairteanach (Am Poll Bàn, Siorrachd Rois), gaoth-carach (Eurabol, Machair Chat), ioma-chathadh (Heàrrlois, An t-Eilean Sgitheanach), ioma-ghaoth (Tioradh), iomadh-ghaoth (Horgabost, Na Hearadh) agus iomaghaoth (Leòdhas).

Tha faclan eile ri lorg anns “Am Faclair Beag mar ghaoithreag agus srann-chòrr (no sreann-chor ann an Ìle) agus le feadhainn tha air leth gnàthasach, mar eachan gaoithe agus ìomhaighean sgiamhach mar “Bha snìmhean nan riombalaibh buidhe” ri fhaighinn cuideachd.

Bu mhath leam sùil a bharrachd a thoirt air ceanglaichean òs-nàdarra leis an aimsir ach ’s fheudar dhomh sguir mus tèid am bloga seo air adhart tuilleadh! A bheil sibh fhèin eòlach air facal den leithid os cionn? A bheil facal eile agaibhse? Nach leig sibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo