- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Clach-mheallain
Air a sgrìobhadh le Calum air 30mh am Faoilleach
O chionn ghoirid bha clachan-meallain againn ann an Glaschu, bha e uamhaidh gharbh agus shaoil mi gum biodh an aon uiread de chlachan-meallain againn air feadh na dùthcha, gu h-àraidh air taobh siar na dùthcha agus na h-eileanan. Smaoinich mi le dè cho cumanta is a tha iad ann an Alba feumaidh gu bheil faclan eadar-dhealaichte againn air an son, mar sin bheir sinn sùil orra anns a’ bhloga seo!Cha mhòr nach eil ach an aon fhacal a th’ againn airson “hailstone” sa’ Ghàidhealtachd le tionndaidhean de chlachan-meallain (Na Hearadh, Barraigh), clachan mheallan (Muile, Tioradh) agus clach-mheallain (Barraigh, Ceann a’ Ghiuthasaich, Gleann Urchadain). Tha an abairt “A’ spianadh an t-sneachd” againn à Cheirseadar, Leòdhas, a’ ciallachadh fras mhìn air a’ sgaoileadh leis a’ ghaoth. Tha “Spràidhe” againn airson sgaoileadh de uisge no clachan-meallain, chaidh am facal a lorg ann an Geàrradh-Bhaltois, Uibhist a Deas.
Ann an “Corpas na Gàidhlig” tha na h-abairtean “Cho cruaidh ris na clachan-meallain” ann an Gairm 148, “Literature, Prose and Verse”, agus “Fead nan clachan-meallain” MacTalla earrann 7, a’ ciallachadh le fuaim nan clachan-meallain a’ sèideadh seachad ur cluaisean.
Tha ainmean eile againn sa’ Ghàidhlig airson chlach-meallain ri lorg ann an “Òran le Greusaich’ do Inghinn Òig ann am Fanoid” à Chraichidh, Bràigh Mhàrr, leis an fhacal “Geal-shian” anns an leabhar “Gaelic Verse from Aberdeenshire” le Alison Diack. Às a’ bhàrdachd tha na loidhnichean “Air àile rachainn leat an uaigneas, Do na gleannaibh fuar’ ri geal-shian,” agus “Na tha dh’fhearann eadar Cluainidh Is Ruigh’ na Bruaich’ an Gleann Gharainn, Bu mhòr a b’ionnsa cùis na gruagaich, Ann an gleannan fuar ri geal-shian” innteanach ri fhaicinn. Tha am facal geal-shìon aig Dwelly, còmhla ri gràn, clach-shneachd, meallanaich, glìbeil, crìon-chur agus glìbheid.
A bheil sibh eòlach air fear sam bith de na faclan os cionn? A bheil faclan eile agaibh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo