Gàidhlig / English
Liath-reòthadh

Liath-reòthadh

Air a sgrìobhadh le Calum air 9th January, 2020
Bliadhna Mhath Ùr (no Bliadhna Ùr Mhath gu fheadhainn dhuibh) dhuibh uile! Tha mi an dòchas gun robh saor-làithean spòrsail, sona agus sìthichte agaibh thairis na bliadhna ùir. Tha fuighleachan a’ gheamhraidh a-nis anns na mìosan romhainn, ged chan eil an spòrs seachad no ullamh fhathast, agus tha sinn air a bhith gu math sealbhach (feadhainn dhuibh co-dhiù) nach eil sinn air sneachd no sìde reòthannach ro dhona fhaighinn. Bha an abairt “’S e an Ullag [Nollaig] dhubh a dh’fhàgas an cladh mèith”, a leugh mi ann am Faclair Gàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh le Seumas Grannd, nam chuimhne thairis nan saor-làithean ach bha fios agam gum bu goirid e gus am biodh sneachd, deigh agus aimsir reòthannach againn a-rithist. Bha treisean ann far an lorgadh “liath-reòthadh” ann an cuid sgìrean na h-Alba ’s mar sin chuir mi romham bloga a sgrìobhadh air faclan eadar-dhealaichte a th’ againn airson “hoar-frost”.

Tha Liath-reodhadh againn à Scalpaigh, Na Hearadh, agus ’s e seo am facal as cumanta a th’ againn ann am “Faclan bhon t-Sluagh” ann an Gleann Urchadan, Àisir Mòr (Ceann Loch Biorbhaidh) agus Poll Bàn. Bha tionndaidhean eile ged-thà a bha eadar-dhealaichte bhuapa le Liantach agus Lionach ann am Port Sgioba (Ìle), Reothadh-liath ann an Eurabol, Cataibh agus Sioc-chrann air an Eilean Sgitheannach. Anns na notaichean againn tha e soilleir gu bheil Liantach a’ tighinn bho “liath-eighean(t)ach”, le “eigheann(t)ach” na fhacal eile airson “reothadh”.

B’ e crith-reòthadh a lorgadh ann an “Some Unrecorded Words And Meanings In The Gaelic Of Badenoch” leis na tàr-gnìomhna Chomann Ghàidhlig Inbhir Nis, 1950, le R. Barron. Tha seo innteanach anns an dòigh gu bheil e a’ cleachdadh “crith” ann an àite “liath”, a’ leigeil air gu bheil e cho fuar ’s gu bheil sinn “air crith” leis an fhuachd.

Air an làrach-lìn Learngaelic.scot tha na faclan seo ri fhaighinn airson liath-reòthaidh: Sioc-bàn, Liathanach, Leathnach, Crìon-reòthadh. Tha na h-aon faclan anns an Fhaclair Bheag le tionndaidhean beaga dhiubh agus am facal doinid a’ ciallachadh “extreme cold, hoar frost.”

A bheil faclan eile agaibhse airson “liath-reòthaidh”? Leig fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo