- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan Ghallach
Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh an t-Ògmhios, 2019
Chaidh bloga air fhoillseachadh air Gàidhlig ann an Gallaibh air twitter o chionn ghoiridh agus b’ e bloga dioltaidh innteanach a bh’ ann. Anns an dealbh ceangailte ris a’ bhloga chaidh na h-àitean a chomharrachadh far an labhradh a’ Ghàidhlig gu làitheil. A rèir an deilbh fhèin bha Gàidhlig air a labhairt bho taobh sear Baile Thèorsa gu taobh siar Halkirk agus Clayock gu Watten, gu deas gu Badlipster, Campster Uachdar agus Roster gu Blackness agus Bruan, nan robhar airson “sgaradh” a chur eadar an dà chànain. Tha deasbad mòr ann a thaobh nan robh Gàidhlig air a labhairt air Gallaibh, ach ann am Faclan bhon t-sluagh tha puing no dhà air a chlàradh air na tha ann an Gallaibh agus Gallach.Tha iomadh fhacal aig Dwelly a thaobh cainnt Ghollach, mar a theirear aoineigin à Mhachair Rois (tha mi car taobhach an sin, mi fhìn nam Rosach!) a bha air leth eadar-dhealaichte agus ionadail, gu ìre. Seo dhiubh clàr fhaclan measgaichte:
- Abharadach – Tha seo co-ionnan ri feòrachail agus deismireach.
- Biotaidh/Biotag – Tha seo air a labhairt airson droch dhuine agus droch bhoireannach.
- Brad – Tha “brad” sa chàs seo a’ ciallachadh "gèadh a’ gur", ach tha brad air a chlàradh le Uilleam Mac Aoidh à Armadal, Cataibh, a tha sa’ chlàr-fuaim “Conversation with Willaim MacKay”. Tha “brad” a’ ciallachadh “math”, bidh e a’ tighinn ron ainmear sa chàs seo; bha seo cumanta ann am Machair Chait agus Machair Rois. [Leugaibh Saoghal Bhana-mharaiche agus Proverbial Lore in Embo and the other Gaelic-speaking fisherfolk communities of East Sutherland” (School of Scottish Studies, vol. XIV) airson bàrrachd fhios].
- Casarmachd – Tha seo a’ ciallachdh gu bheilear cas-ruisgte, no cas-lormaichte.
- Ceannarmachd – Tha seo air a chleachdadh gus “ceann-maolach” a mhìneachadh.
- Creachadair – Tha seo a’ ciallachadh “fàsgadair”.
- Diongmhalt – Tha seo co-ionnan ri dùr no dànarra.
- Duaineail – Dona agus mì-mhodhail; “Chan eil e duaineail idir”. Tha mi air an fhacal “duinealach” bhon bhuidheann “Droitseach” airson “diongmhailt”.
- Langadan – Tha seo co-ionnan ri “buarach”, ach chan eil e air a chleachdadh airson bleoghainn.
- Rùdail – Tha seo a’ ciallachadh fuaim na greallaiche agus an caolan.
- Sìthichte – Tha seo co-ionnan gu ìre le “air an dòigh” agus toilichte.
- Spat – Tha “meall” air a chleachdadh ann am Machair Rois sa chàs seo. Tha e a’ ciallachadh uiread mòr de nitheigin, mar eisimpleir “spat-uisge”, uiread mòr uisge.
- Upaig – Tha seo air a ràdh gu aoineigin gun-fheum a tha nur slighe agus rathad; “Tha e ’na upaig”.
DASG: https://dasg.ac.uk/gd
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo