- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cèilidh Ceàrdaich / Dorsaireachd
Ged a tha sinn a’ faicinn beagan a bharrachd dhen ghrèin a-nise, tha laithean gu math fliuch ann fhathast! Tha abairt an t-seachdain-sa a bhuineas do dh’ Uibhist a Deas, ‘cèilidh ceàrdaich’ ga chleachdadh airson latha fliuch agus, mar sin, bhiodh daoine a’ fuireach a-staigh fad an latha air sgàth na droch shìde.
Tha facal eile ga chleachdadh ann an Uibhist a Deas airson an aon seòrsa rud cuideachd: ‘dorsaireachd’. Tha seo gu litireil a’ ciallachadh ‘a’ coiseachd eadar dorsan’, agus, mar sin, cha rachadh daoine a-mach às an taigh air latha cho fliuch. Mar eisimpleir, “Cha robh mi ach a’ dorsaireachd mun taigh fad an latha.”
Chaidh ‘cèilidh ceàrdaich’ agus ‘dorsaireachd’ a chruinneachadh ann an Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, eadar 1987–88.
A bheil sibhse eòlach air na faclan seo? Dè chleachdadh sibh fhèin airson fuireach a-staigh air latha fliuch? Carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter?
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo