Gàidhlig / English
Sluaisreadh

Sluaisreadh

Air a sgrìobhadh le Kate air 19mh Màirt 2015

Chaidh am facal sluaisreadh a chlàradh anns na Hearadh, agus thathar a' cleachdadh am facal gus mìneachadh a thoirt air an dòigh anns a bheil a’ mhuir a’ bualadh air a’ chladach, agus gus gluasad an lìonadh a dhealbhachadh.

Tha mìneachadh air an fhacal nas fharsainge na sin ge-tà ann am Facal bhon t-Sluagh Tha e a’ toirt ainm cuideachd don luasgan àraid, àlainn a chìthear air gainmheach na tràghad. Chìthear cuideachd nach e gluasad nan tonn a-mhàin a thathar ga mhìneachadh ach cuideachd an dòigh anns a bheil e a’ slìobadh agus a’ toirt cruth don ghainmhich. ’S ann mar sin a tha e a’ sluaisreadh a’ ghainmhich gus an tig am maorach am follais.

Thug Iain Aonghas MacLeoid iomradh air an fhuaim seo ann an Criomagan Ioma-dhathte, nuair a thug e iomradh air an òran air a bheil “An t-Ataireachd Àrd.”

“Do dh’fheadhainn aig an robh sluaisreadh na mara mar chrònan-cadail is tàlaidh nan leanabas, bheir na briathran so air ais smuaintean taitneach air dachaidh is pàrantan, teaghlach, sinnsir... Bheir iad thugainn blas a’ chabhaith-mara air ar beul, sealladh air dathan gorm is uaine is liath,….agus mìle rud eile nach gabhar aithris ceart, eadhon anns a’ chànain Ghàidhlig.”

Air mo shon fhìn, tha fuaim an fhacail gam ghluasad gu faireachdainn socair, sìtheil, a’ cheart cho mòr ’s a tha fuaim an t-sluaisridh fhèin!

Agus cuimhnichibh fios a chur thugainn air Twitter neo Facebook nan cuala sibh riamh sluaisreadh na mara, neo gu dearbh, facal sam bith eile air a shon.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo