Gàidhlig / English
Bonnach Brìde

Bonnach Brìde

Air a sgrìobhadh le Abi air 5mh am Màrt 2015

Ged a tha coltas ann gu bheil an t-Earrach fada gun tighinn, tha ‘Imbolc’ no ‘Imbolg’ a’ chiad latha dhen Ghearran agus tha e a’ comharrachadh toiseach an Earraich. Is e fèis phàganach a bha anns an ‘Imbolc’ bho thùs ach tha e a-nise ga aithnichte mar fhèis Chrìosdail an cois Naomh Brìde. Is e Bonnach Brìde an abairt a th’ againn air an t-seachdain-sa, agus is e cèic a tha innte, a tha ga dhèanamh air a’ chiad latha dhen Earraich. Tha Bonnach Brìde ann an Corpus na Gàidhlig aig DASG a’ tighinn bho Carmina Gadelica air a dheasachadh le Alasdair MacGilleMhìcheil.

 

Feumaidh tu a bhith faiceallach nuair a bhios tu a’ fuineadh bonnachan ge-tà, a chionn ’s gur dòcha gun tigeadh na sìthichean a-steach dhan taigh agad mura cuireas tu toll anns a’ bhonnach mu dheireadh, no mura bristeas tu pios dheth, no mura cuireas tu èibheall air mullach na cèice. Mura dèan thu na rudan sin, bhiodh na sìthichean a’ seinn a leanas:

Bonnach beag boise

Gun bhloig gun bheàrn

Éirich ’s leig sinn a-staigh.”

...agus bhiodh iad a-staigh!

(Ronald Black (deas), The Gaelic Otherworld, 2005, td. 10)

 

Tha sinn cinnteach gum biodh reasabaidhean agus sgeulachdan gu leòr aig a h-uile duine airson Bonnachan Brìde, agus bhiomaid uamhasach toilichte gan cluinntinn! Carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter?

 

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo