- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cluas ri Claisneachd agus Tasglann Mòthain
Air a sgrìobhadh le Abi air 26mh An t-Iuchar 2018
Cluas ri Claisneachd
Thòisich obair air tasglann fuaim DASG ann an 2015, is bha e na amas dha gum biodh a h-uile clàradh fuaim ann an Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu ri fhaotainn air loidhne saor an-asgaidh. ’S e Dachaigh Airson Stòras na Gàidhlig a th’ ann an DASG, tasgadh air-loidhne airson sgrìobhainnean didseatach, goireasan leicseachail agus tasglannan fuaim airson Gàidhlig na h-Alba. Thàinig na clàraidhean a bha aig an Roinn bho iomadh tùs, ach chaidh a’ mhòr-chuid dhiubh a dhèanamh nuair a bhathar a’ cruinneachadh stuthan airson pròiseact air an robh Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (The Historical Dictionary of Scottish Gaelic) anns na seachdadan ’s na h-ochdadan. Chaidh na cèiseagan is naridhleachan a chur ann an cruth didseatach ann an 2011, agus ’s iad seo a tha rin lorg anns an tasglann Cluas ri Claisneachd.
Chaidh a’ mhòr-chuid de na clàraidhean a chruinneachadh le Aonghas Iain Mac a’ Ghobhainn ann an 1972 ann an Canada, agus le Aonghas Màrtainn eadar 1974 agus 1978 ann an àitichean a leithid an Tairbeart, Loch Fìne, Giogha agus Ìle. Tha cuideachd clàraidhean ri fhaotainn bho CIN MacLeòid, A’ Bhean-chràbhaidh Pheutanach, DM MacGuaire, Donnchadh MacLabhrainn, Tony Dillworth agus Nancy Dorian. Tha cuid de na cèiseagan gun urra aig an ìre seo, ach tha sinn an dòchas gun tèid aig a’ mhòr-shluaigh air ar cuideachadh gus ainm a chur riutha nuair a thèid an cur air-loidhne. Tha barrachd is ceud is ceathrad uairean de chlàraidhean ri fhaotainn ann an Cluas ri Claisneachd, ged nach eil ach deich uairean ri fhaotainn an-dràsta fhèin.
Thèid aig a’ phoball air na clàraidhean fhaotainn saor an-asgaidh, cuide ri tàr-sgrìobhaidhean slàn a thèid a luchdachadh a-nuas, fiosrachadh mionaideach air gach cuspair a tha anns a’ chlàr, agus fo-thiotalan. Tha measgachadh de Bheurla, Gàidhlig agus Albais ri chluinntinn anns na clàraidhean, le farsaingeachd de dhual-chainntean agus blasan-cainnt. Tha obair mhòr an lùib a’ phròiseict a tha seo, is leis a sin cha tèid ach 8 a-mach à 147 de na clàraidhean fuaim a tha againn fhoillseachadh aig an tachartas a tha gu bhith againn. Cumaidh an obair a’ dol an uairsin gus tàr-sgrìobhaidhean a dhèanamh agus na clàraidhean a thasglannadh gus am bi iad deiseil airson a dhol air loidhne. Tha sinn airson ’s gum bi an làrach-lìn cho soirbh ri chleachdadh ’s a ghabhas, agus tha fàilte air beachdan air an làrach mar as motha a dh’fhàsas an tasglann.
A thuilleadh air na clàraidhean fuaim a tha aig an Roinn fhèin, tha an tasglann ag amas air cruinneachaidhean eile fhoillseachadh nach deach a chluinntinn leis a’ mhòr-shluaigh mu thràth. Bha sinn air ar dòigh glan nuair a dh’iarr Tracy Chipman oirnn na clàraidhean aicese fhoillseachadh, a chaidh a dhèanamh fhad ’s a bha i ag obair air Pròiseact Beul-aithris Innse Ghall. ’S iad seo a nì suas Tasglann Mòthain. Thèid tàr-sgrìobhaidhean a dhèanamh orra san àm ri teachd, ach aig an ìre seo, thèid am faotainn air loidhne gun tàr-sgrìobhaidhean, leis nach robh Tracy airson ’s gum biodh iad air an cumail bhon phoball nas fhaide na dh’fheumadh.
Tasglann Mòthain
(Sgrìobhte le Tracy Chipman)
B’ e pròiseact obair-shiubhail a bha anns na clàraidhean seo, a thòisich mar Phròiseact Beul-aithris Innse Ghall le Tracy Chipman ann an 1996 ann an Eugene, Oregon sna Stàitean Aonaichte. Thàinig e gu bith le taic bho iomadh neach a bha a’ creidsinn ann an amas a’ phròiseict, ’s a bha airson “beul-aithris Ghàidhlig na h-Alba a ghlèidheadh agus a thaisbeanadh” ann an Aimeireagaidh agus ann an Alba. Bha e na amas don phròiseact a bhith a’coinneachadh agus ag ionnsachadh bho sheanchaidhean nan Eileanan an Iar ann an Alba. ’S e dìthean a th’ anns a’ Mhòthan, agus b’ e ‘Am Mòthan’ a bh’ air cuairt-litir a bhiodh Tracy a’ foillseachadh le fiosrachadh bho na clàraidhean seo bho chionn bhliadhnaichean.
Thòisich a rannsachadh ann an 1996 agus chùm e a’ dol gu ruige 2004. Eadar na bliadhnaichean sin, shiubhail Tracy do na h-Eileanan an Iar bho na Stàitean Aonaichte iomadh turas airson greiseig, mar is trice fad trì gu còig mìosan. Rè gach ràith, choisich i, dh’fhalbh i air òrdaig, sheòl i agus ghabh i busaichean air feadh nan eilean, is teine blàth a’ feitheamh oirre aig gach cèilidh le deagh chompanaich, seann daoine is seanchaidhean. Chuir iad seachad uairean a’ còmhradh mun dachaighean, mar a chaidh an àrach air na h-eileanan seo, mun Ghàidhlig agus dh’inns iad sgeulachdan a shnàmh eadar ghinealaichean.
Ann am Barraigh, Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath, Na Hearadh agus Scalpaigh, chaidh fàilte chridheil a chur oirre. Bha tì làidir, sgaldach ann ann am pailteas, fuine (chuir i oirre co-dhiù clach de chuideam!) agus uaireannan ghabhadh i balgam beag de dh’uisge-beatha. Nam biodh e freagarrach, chlàradh i an cuid sgeulachdan, dàin is òrain ann an Gàidhlig agus, nam biodh iad deònach, anns a’ Bheurla cuideachd. Aig an àm, bha Tracy ag ionnsachadh na Gàidhlig, is thuigeadh i barrachd dhi na bha i an dùil. Uaireannan bhiodh òigear eile air chèilidh còmhla rithe. Uaireannan dh’innseadh Tracy sgeulachd a chuala i ann am Barraigh do chuideigin ann an Uibhist a Tuath. Agus b’ ann mar sin a chùm e air.
Ro 2004 bha trithead ’s a ceathrar air ùine a chur seachad còmhla ri Tracy gus rudeigin a thabhainn don phròiseact aice. ’S ann a tha cuid de na sgeulachdan ag innse mu an teaghlaichean fhèin, a leithid sgeulachd mu chù air an robh ‘Fly’ a dh’inns Ùisdean MacMhathain anns a’ Bhaile Shear. Tha cuid de na sgeulachdan eile ceudan de bhliadhnaichean a dh’aois, a leithid an sgeulachd a dh’inns Donaidh MacRuairidh ann an Càirinis mu Bhiast Chlachan Langanais. Tha mòran de na seanchaidhean seo air caochladh a-nis, agus cha deach mòran de na sgeulachdan seo a chur ann an clò – chan eil ann ach na clàraidhean.
Mìle taing do iomadh neach à Oregon, Washington, Wisconsin, Iowa, Alba agus nas fhaide thall. Taing mhòr cuideachd do Tim Britton, sàr-innleadair-fuaim, a dh’obraich gu cruaidh ann a bhith a’ cur na clàraidhean ann an cruth didseatach.
Tha Tracy gu h-àraid toilichte gun tèid aice air na clàraidhean a thoirt air ais a dh’Alba agus do thasglann DASG, agus tha e cuideachd na amas dhi teaghlaichean nan seanchaidhean seo a thug seachad an sgeulachdan don phròiseact a’ lorg gus am bi na clàraidhean rim faotainn dhaibhsan saor an-asgaidh.
’S ann le Tracy Chipman a tha na clàraidhean fhathast… ach tha na sgeulachdan fhèin cho saor ris a’ ghaoith airson an innse agus an sgaoileadh!
Donald Angus MacDonald agus Tracy | Mary MacLean, Grimsay | Donald MacRury, Carnish/Stilligarry |
Thèid Cluas ri Claisneachd agus Tasglann Mòthain a chur air bhog air an 27mh Lùnastal 2018 aig tachartas sònraichte a ghabhas àite aig Oilthigh Ghlaschu.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo