Gàidhlig / English
Lusan an t-Samhraidh

Lusan an t-Samhraidh

Air a sgrìobhadh le Kate air Dimairt 31mh den Iuchair
Tha am brath-bhloga seo a’ tighinn thugaibh caran anmoch san ràith airson lusan an t-samhraidh a lorg! Ach ma dh’fhaoidte gum faigh sibh fhathast iad. Cùmaibh sùil a-mach airson na lusan seo an ath-bhliadhna!

Seo an t-àm den bhliadhna, co-dhiù, agus chan ann fada bhuaithe, a bhiodh coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd a’ tuineachadh air an àirigh, air a’ mhònadh, leis a’ chròdh. Bhiodh iad ann mu thrì mìosan. ’S e na boireannaich agus a’ chlann a bhiodh ann: a’ bleoghann; a’ dèanamh ìm agus càise; a’ càradh bothannan àirigh agus ag ionaltradh cruidh.

Bhiodh a’ chlann a’ cluich agus a’ cuartachadh nan gleann fada, farsaing nuair nach robh iad ag obair. Bha spòrs is cleasan an lùib a bhith air an àirigh.’S e fìor àite òigridh a bh’ ann. Tha am mòthan, neo braonan, na lus airson a bhith a’ tàladh an duine air a bheil spèis agaibh. Ruitheadh a’ chlann, le sgriachail mu teine na h-àirigh agus fraoch a’ bhadain a’ dèanamh brag nuair a thilgeadh iad dha na lasraichean e!

Bha gu leòr de bhathar na bà ri fhaotainn, agus siud a bh’ ann am prìomh phàirt de dhiathad an t-sluaigh as t-samhradh. Ach bhiodh lusan a’ mhònaidh agus na coille a’ toirt mathachas dhaibh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Dè na lusan air fearann uachdarach, a dh’fhaodadh a bhith air an trusadh as t-earrach agus tràth as t-samhradh, mus tigeadh dearcan agus cnothan as t-fhoghar?

Tha deagh roghainn ann de lusan a ghabhas ithe as t-samhradh, gu h-araidh air a’ mhònadh. Tha Flora Celtica a’ moladh: fliodh, marag bhuidhe, (air neo amharag) am biolair, liath-lus agus sealbhag, mar lusan a ghabhas ithe.

Thèid marag-bhuidhe agus liath lus ithe le bhith a’ buain nan gas a tha nas taine, agus bidh iad sùghmhor. Tha blas car searbh orra. Thèid freumhaichean an t-sealbhaig a ghoil. Cuir ann am pana iad le mùn; bog an t-aodach agaibh ann. Cha ruith dath bhon t-aodach ùr-dhathadh agaibh!

Thèid gu leòr de na lusan ithe amh neo le bhith gan goil gu cùramach. Thèid fliodh ithe amh cuideachd, agus bhiodh e uamhraidh blasda le breac a tha air ùr-ghlacadh, sin agus biolair agus sealbhag.

Cuimhnichibh cho math s’a tha na deanntagan! Glanaibh na duilleagan le bhith gan goil, agus an uair sin gam bogadh ann an uisge fuar. ’S ann mar sin a thèid an gath air falbh. Thèid iad ùisneachadh ann an salad, neo ann am brot. Ithibh deanntagan agus bidh gnùis oirbh mar na leanas:

Bheir càl duilisg is càl deanntaig
Snuadh air gruaidh mar mhadainn shamhraidh

Tha crèamh ann, eadar am Màrt san Òg-mhìos. Tha an t-seanfhacal a leanas ann,

Is leigheas air gach tinneas, creamh is ìm a’ Mhàigh; òl am fochair sin bainne ghobhar bàn.
 
Tha Flora Celtica cuideachd ag ìnnse dhuinn gu bheil iomadach seòrsa praiseach fiadhan ann, a tha fìor bhlasda, gu h-àraidh ma bhios iad air an goil gu h-aotrom agus air an còmhdachadh le ìm. ’S e braonan bachlag a th’ air an fhacal ann an Ainmean Gàidhlig Lusan, airson am ‘pignut,’ ach ’s e braonan a theirte, ann an iomadach àite, airson cnò sam bith.

Ann an Criomagan Ioma-Dhathe, (duilleag 92) tha rèisid ann airson fìon bhlasda a’ bheàrnan-bhrìde. Faicibh gu h-ìseal:

“Cruinnichibh mu làn soitheach-galain de chìnn an dìthein. Feumaidh sibh:
 
Trì puinnd gu leth siùcar
Naoi pinntean uisge
Unnsa buirn …
 
Cuiribh cinn nan dìthean ann am preis na croga, agus dòirtibh orra na naoi pìnntean uisge goileach. Cuiribh seachad iad airson coig latha, ’gan gluasad gu math a h-uile latha. Ma thig beagan liathadh air bàrr an uisge togaibh, dheth le spàinn e.
 
Siòlaidhibh an sùgh do phreis agus blàthaichibh air an stòbh i. Cuiribh an siùcar anns a’ chroga agus dòirtibh an sùgh blàth air ’ga ghluasad gus an leagh e. Leigibh leis fuarachadh, sgaoilibh a’ bhuirm air uachdar agus fàgaibh fichead latha ann an àite tioram blàth.
 
Mar cheanna, sìolaidhaibh agus cuiribh seachad anns na botuil trì miosan gus an soilleirich am fìon. An déidh sin atharraichibh am fìon glan soilleir do bhotuil eile mar a dh’innis mi agus fàgaibh ag abachadh e.
 
Cuimhnichibh, le ur toil, nach ann ach molaidhean a thug mi dhuibh an seo. Ma bhios sibh neo-chìnnteach mu dheidhinn a bhith gan lorg neo gan deasachadh, nach faigh sibh beachd bho chuideigin fiosraichte mus falbh sibh a’ rurachd. Spionaibh ann an dòigh seasmhach iad. Gum bi spòrs agaibh a’ trusadh lusan an t-samhraidh!

Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, neo Twitter. 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo