Gàidhlig / English
Clabaisteir

Clabaisteir

Air a sgrìobhadh le Caitlin air 26 an t-Iuchar 2018
Às dèidh dhomh tòrr fhaicinn air na naidheachdan agus air meadhanan sòisealta a’ mhìos seo mun turas a bha aig Ceann-suidhe sònraichte do dh’Alba, thug mi sùil ann am Faclan bhon t-Sluagh airson faclan buntainneach a bheireadh tuairisgeul air an duine seo. Mar a thachair, tha mòran fhaclan ann a tha freagarrach. Mar sin, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh feadhainn a tha mi air lorg ma bhios sibh idir feumach air tàthag neo dhà anns a’ Ghàidhlig. Ged nach eil mi ag aontachadh gum bu chòir na faclan seo a chleachdadh gu tric, tha mi cinnteach gu bheil e air tighinn fodhainn an-dràsta ’s a-rithist, agus tha tòrr againn anns a’ Ghàidhlig!

Thàinig am facal clabaisteir a’ ciallachadh ‘large, clumsy person (male)’ à Uibhist a Deas ach chaidh a chruinneachadh ann an Glaschu le A. O’Henley anns na h-ochdadan. Bidh e a’nochdadh cuideachd san Fhaclair Bheag air a litreachadh clabastair a’ ciallachadh ‘loudmouth, bigmouth’. Chan eil mòran eile againn mun fhacal seo ach tha rudeigin ma dheidhinn a tha a’còrdadh rium gu mòr. Mar sin, cha b’urrainn dhomh fhàgail a-mach.

Lorgar bumalair — ‘a raw clumsy person’ — ann an Scalpaigh agus ann an Leòdhas cuideachd, leis a’ chèill ‘a large bumbling man’. Ann an Uibhist a Deas, chleachdadh tu am facal seo airson cuideigin le ceann mòr, agus ann am Barraigh airson cuideigin aig nach eil fhios air dòigh-ghiùlain cheart.

Ged a tha iad sin uile ceangailte ri fir, tha gu leòr ann cuideachd mu bhoireannaich: òinseach a bha clàraichte ann an Glaschu bho chuideigin à Uibhist a Deas, agus glaoichd, agus bha a dhà a’ ciallachadh ‘a foolish woman’. Tha sglogaid ann cuideachd a bha air a lorg anns Na Hearadh, a’ ciallachadh ‘a lazy, useless woman’.

Lorg sinn na faclan a leanas ann an Deò-Grèine, ràitheachan air a bheil sinn ag obair agus a bhios ri fhaighinn air an làraich-lìn anns an aithghearrachd. Nochd dùrananach — ‘an obstinate blockhead’ — faoin-cheann — ‘empty head’— agus pusachan — ‘a whiny fellow’ — air liosta de ‘Gaelic Terms Expressive of Affection, and Terms of Invective’ a bhuannaich a’ chiad duais aig a’ Mhòd ann an Glaschu ann an 1901. Faodaidh sibh an liosta air fad a leughadh an seo.

Mura h-eil sin gu leòr dhuibh, tha pleabain againn a chaidh a chleachdadh airson duine a’ ciallachadh ‘a skinny, miserable, useless looking character with no obvious personality’ agus a’ tighinn bho chuideigin à Uibhist a Deas. Neo, tha luidsear — ‘a clumsy person who is always dropping things’ — againn cuideachd a’ tighinn à Leòdhas, ach leis a’ chèill ‘idiot, dolt’ ann am faclair LearnGaelic.

Leig fios dhuinn air na faclan as fheàrr leibhse neo faclan inntinneach nach robh anns a’ bhloga seo air Facebook neo Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo