Gàidhlig / English
Mòine

Mòine

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 9mh den Lùnasdal
’S ann bu thric a dh’fhàg fàsachadh choilltean is ionaltradh nan caorach thar nan linntean, àite a th’ air a bhogadh, le talamh searbh. Chan fhaigh sibh suidheachadh èic-eòlais slàn, fallainn, ioma-fhìllte ann. Ach thèid iomadach lus, ainmhìdh is leighis a lorg ann am boglach is air a’ mhònadh, mas tèid an àrainneachd seo obrachadh agus a glèidheadh le daoine ann an dòigh sheasmhach. Chan e fàsach a bu chòir a bhith innte idir.

Thèid an obair ghlèidhteachais a chur gu feum thar nam boglach: boglach sna coilltean, boglach àrdaichte agus brataichean-bhoglach.
Tha farsaingeachd de dh’ainmhìdhean is lusan ann am boglach, gach rud a chuireas ris an àrainneachd: dealt ruaidhe is canach, a-measg eile. Seo far an do dh’ionnsaich mi fhèin gun cuir còinneach ris a’ mhòine. Bidh e a’ toirt comas don talamh uisge a chumail agus a sgaoileadh.’S ann mar sin a thèid a’ mhòine a chruthachadh, far a bheil gainnead de mhathachas san talamh agus pàilteas chòinnich.

Ma bhios tuilleadh ’s a’ chòir uisge anns a’ mhòine bho chòinneach, aig an àm ’s a thèid a togail, cha bhi mòran feum innte. ’S e mòine dhubh an rud as fhèarr, a thèid a thiormachadh gu h-èifeachdach, ach tha i tiugh agus brìghmhor gu leòr ’s gun tèid a losgadh son ùine fhada. ’S e am blàr mòine a theirte ris an àite far an togadh an t-sluagh i. 

Thuirt neach-labhairt à Leòdhas gur e craos teine a th’ ann an teine a losgadh cho teth ris an deamhain, le mòine dhubh. Bidh breacadh nan eibhlean sa ghealbhain agaibh bho mòine chailceach, ach cha lasair an leithid de theine. Thèid mòine chreadha neo mòine chailc a thogail bhon àite as doimhne ’s a’ pholl-mòna.

’S e caoran a th’ anns an ìre as ìsle den fhàd. ’S e cìb, neo mòine chinn a theirte ris a’ chiad ìre den mhòine a tha eadar fliuch is tioram, anns am bidh lusan beò. Ach an ann coltach ri mòine phlòiceach a tha seo? Tha Faclan bhon t-Sluagh ag innse dhuinn gur e a’ mhòine seo a chumadh eibheal san teine tron oidhche, agus ’s e mòine tasgaidh neo mòine amh a theirte ri seo. 

Tha a’ mhòine bhàn agus a’ mhòine chòsach coltach ri chèile san dòigh gu bheil iad furasda tiormachadh ach thèid a losgadh ro luath gun meall teas ann.’S e mòine phlòiteanach a theirte ris ann an Cinn Tìre. Tha seo ro thioram, gun bhrìgh!

Tha beartas bhriathrachais ann am Faclan bhon t-Sluagh mu dheidhinn a bhith ga thogail bhon bhac-mòine. Thagh mise duilleag fhiosrachaidh o Cheann a Deas Chinn Tìre, oir chan ann cho tric a chluinneas sibh mu Ghàidhlig an àite sin. Ach bheiribh sùil air an fhiosrachadh o diofar sgìrean, agus chì sibh an t-obair chruaidh, ach seasmhach a rinn na daoine san roinn àrainneachd seo, gus nach biodh gann den rud air an robh gu mòran feum aca.

Bidh feum againn air bloga eile gus saothair an t-sluaigh a dhealbhachadh dhuibh, gun guth a ràdh air obair chùramach nan cruach mòna! Ach seo agaibh blasad den mhòine agus mar a dh’ ùisneachas na daoine i, ge bith dè an stàid anns am faigheadh iad i. Cuiribh fios thugainn air Facebook, air neo Twitter. 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo