- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Ceannadach
Air a sgrìobhadh le Ali air 12mh an t-Iuchar 2018
Tha mi air a bhith na bu mheasaile air ceannadach bhon a chaidh mo mhaoladh o chionn ghoirid – cùis-mhulaid a th’ ann am maoladh an òganaich – ach tha e air cothrom a thoirt dhomh Faclan bhon t-Sluagh a chleachdadh, a’ tòir air briathrachas ùr co-cheangailte ri adan.Chan ann a-mhàin a thaobh fasain neo a bhith a’ còmhdachadh nàire a gheibh adan an luach. B’ e an geamhradh a dh’fhalbh an ciad reòthadh a bh’ agam as aonais beagan fuilt air mo cheann bhon bhearr mi gu dlùth e, agus b’ e rud riatanach dhomh a bh’ ann am bioraid air sgàth mo chluasan bhochd. ’S mar sin cheannaich mi fear ùr agus fhuair mi cuidhteas den chrùsgan a bha a-nis mar sgrogag neo sgrogaid agus a’ leigeil faicinn mullach mo chinn.
Tha an aimsir a-nis air tionndadh le nochdadh an t-samhraidh agus ’s e currachd/curruchd neo ceap/ceip/cèip air a bheil mi feumach gus dìon fhaighinn bho ionnsaigh na grèine. A dh’innse na fìrinnn, tha an ceap seo robach cuideachd, ach tha sin a’ leigeil leam aithris a thoirt air an fhacal sgliugach a tha a’ toirt dealbh air ceap a tha a’ call a chumadh leis a’ bhile a’ tighinn sìos air na sùilean. Theireadh sgruigean air ceap mar seo. Dh’fhaodadh flèirich a chuir ris, ach ma dh’fhaoidte gu bheil sin nas freagarraiche airson adan bhoireannaich neo chloinne – ’s dòcha air muist.
Ach chan eil buadhan na h-aide cuingichte ri ceannadach – chan eil idir! A-rèir choltais, far a gheibhear ad, gheibhear geama. Neo dà gheama co-dhiù… Air clàradh ann an Cill Donnain, Uibhist a Deas, tha sùil-cheap ag obair le bhith a’ cur rudeigin am falach ann an ceap agus càch a’ gabhail tomhais air na tha na bhroinn.
Mura h-eil sibh air bhioran leis a sin, feuch am fear seo às an Eilean Sgitheanach. Tha Cleas nan Cip ag obair le bhith a’ cur ceap air làr agus an cluicheadair a’ toirt beagan ceum air ais. Bidh e an uair sin a’ feuchainn air bàla a thilgeil a-steach dhan cheap agus, ma dh’fhàiligeas e, feumaidh e a làmh a chuir air balla le cheap air muin agus na cluicheadairean eile a’ feuchainn ionnsaigh a thoirt air a làmh mar pheanas.
’S mathaid gun tigeadh argamaid às na cleasan seo agus dh’fhaodadh a ràdh “bha iad ann am mullach nan ad”. Neo, an ath thuras a chithear cuideigin air an t-sràid aig a bheil dlùth choltas ri caraid dhut, dh’fhaodar a ràdh “tha iad dìreach anns na h-adaibh”.
Piseach mhath ort ma tha thu an eagal d’ fhalt a chall agus cuimhnich - ’s ann math dhut a tha na h-adan!
Ma tha faclan, abairtean, neo geamannan eile agaibh air a’ chuspair seo, cuir fios thugainn:
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo