Gàidhlig / English
Clisgearan

Clisgearan

Air a sgrìobhadh le Friseal air 19mh an t-Iuchar 2018

’S dlùth a tha na bannan a th’ againn uile ris ar cànan màthaireil. ’S ann anns a’ chiad chànan againn a tha sinn ag ionnsachadh a bhith a’ cur an cèill na faireachdainnean is na feumalachdan bunasach againn, is nuair a thig e gu ionnsachadh cànain eile mar inbheach, sin far am bi e a’ tighinn a-steach oirnn dè cho doirbh ’s a tha e a bhith a’ seachnadh a’ chànain anns an do thogadh sinn – gu sònraichte nuair a tha faireachdainnean làidir oirnn. ’S dòcha gu bheil thu cho fileanta ri bàrd anns an t-Suainis, ach can gu bheil thu a’ dèanamh cèilidh air caraid aon latha, is airson dinnear bidh do charaid a’ toirt Surströmming dhut – an sgadan malcta tha cho ainmeil san t-Suain. Cho luath ’s a bhios tu a’ mothachadh dhan fhàileadh mhalcadh a tha a’ tighinn bhon iasg, bidh thu ag ràdh a ghiadh! gun a bhith a’ smaointinn air, is an uair sin bidh e follaiseach gur i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan agad.

Tha clisgearan neo interjections air leth inntinneach ann an cànan sam bith, agus ann an Gàidhlig tha caochladh farsaing de na faclan seo ann an gach sgìre, le mòran dhiubh rim faicinn anns an tasglann againn fhìn. Mas e Hearach a th’ annad is tha cuideigin neo ruideigin air iongantas a chur ort, ’s e tabag! no tapag! a dh’ èigheadh tu, le cuid de na tùsan ag ràdh gun robh cleachdadh an fhacail seo gu sònraichte cumanta am measg nam Bana-Hearaich. Mas e meadhan a’ Gheamhraidh a th’ ann, is e cianail fhèin fuar, ’s e foiteag foiteag! an clisgear a chaidh a chlàradh anns an Rubha, Eilean Leòdhais. Air an làimh eile, nan loisgeadh tu do chorragan air an stòbha, ’s e iteag iteag! a chanadh tu.

A bharrachd air seo, tha tùsan eachdraidheil gu math inntinneach a th’aig cuid de chlisgearan. A rèir an tasglainn againn, tha an clisgear Ghàidhlig chumanta O Hioruidh (air a chleachdadh gus iongantas a chur an cèill) a’ tighinn bhon t-seanchas Ghàidhealach, oir ’s e ‘Righ na h-ioruaidhe’ a chanar ri Righ na Nirribhidh ann an litreachas is seanchas na h-Eireann. Mar an ceudna, tha seann-thùsan aig an clisgear mairighe – air a chlàradh ann an Ceirseadar, Eilean Leòdhais, is air a chleachdadh gus cuideam a chur air tha nuair a tha thu ag aontachadh le cuideigin gu ìre mhòr (m.e “A bheil thu a’ tighinn dhan chèilidh a-nochd?” “O mairighe tha!”). Tha coltas gu bheil am facal seo a’ tighinn bho ainm Naomh MoRubha – am manach Eireannach a stèidhich an tuineachadh mhanach anns a’ Chomraich anns an t-seachdamh linn.

Dè na clisgearan a tha sibhse air cluinntinn mun cuairt na Gàidhealtachd? Carson nach cuir sibh fios thugainn air Facebook neo Twitter? Bhitheamaid air leth toilichte chluinntinn bhuaibh!

 

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo