- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Breacan Fandabi dozi
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 5mh den t-Iuchair
Thairis air na mìosan a dh’fhalbh, tha mi air a bhith a’ cur taic ris an rannsachadh a tha Fandabi dozi (mar as àithne dha daoine e air na meadhanan sòisealta) ris an-dràsta. Tha Fandabi dozi air filmichean a dhèanadh anns an Fhionlainn, Nirribhìdh, Àstrailia, Sealainn Nuadh, Malaysia agus ann an iomadach àite eile. Nì e rannsachadh air diofar àrainneachdan an t-saoghail. Thèid e air cuairt san dùthaich, togaidh e fasgadh agus lorgaidh e biadh le bhith ag iasgach agus a’ trusadh lusan. Tha e ag amas air dùbhlan a chur roimhe. Tha e ag amas air sealladh eile a thoirt dha daoine mun àrainneachd; gu bheil e na ghoireas dhuibh, agus gur e rud air am bu choir dhuibh meas a thoirt. Bithibh cinnteach gum bidh ur ceumannan aotrom ann. Bithibh cinnteach nach toir sibh buaidh ach buaidh aotrom oirre, agus nach bidh coltas diubhar air an àite nuair a dh’fhàgas sibh.Tha Fandabi dozi a-nis air thilleadh do dh’Alba. Tha e a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd, agus tha e air ùidh a ghabhail ann an dualchas nan Gàidheal. Bha na Gàidheil gu tric a’ siubhal tron dùthaich leis a’ chrodh, air neo airson a bhith a’ sealg an fhèidh. Bha iad eòlach air slighean lìonmhor nan Dròbhair, a chaidh thar monadh is coilltean gu deas, gu margaidean chruidh. Bha iad eòlach air an dùthaich tro shean sgeulachdan: an leithid Fionn is na Fèinne, Oscar, Oisean, is Dubh-Ghiuthasaich. Bhiodh iad a’ gabhail òrain fhad’s a bha iad air an t-slighe, a fhuair iad bho bheul-aithris. Bha an tìr beò tro chuimhne dhaoine agus am mìon-eòlas a bh’ aca air gach roinn dhi.
Tha ùidh shònraichte aig Fandabi dozi anns an fhèileadh. Seo èideadh a ghabhas ùisneachadh ann an iomadach dòigh. Tha e tiugh, blàth, ach cumaidh e fionnar aig a’ cheart àm sibh. Thèid a phasgadh agus a thruiseachadh gus pocaidean a dhèanadh. Thèid currac a dhèanadh dheth, is muilichinn. Bheiribh sùil air a’ bhideò aig Fandabi dozi, far am bi e a’ taisbeanadh dhuibh mar a nì sibh diofar stoidhlichean dheth. Tha e a’ ciallachadh le seo, am fèileadh a shoillearachadh dhuibh dìreach mar a bhios esan a’ cur eòlais air. Dè na dùbhlain agus na buannachdan a thig an cois a bhith ga chaitheamh?
Tha farsaingeachd de bhriathrachas ann am Faclan bhon t-Sluagh ceangailte ris an fhèileadh. Tha breacan-guaille, neo guailleachan ann. ’S ann à Crowlista, Uig, Leòdhas a tha an dà fhacal siud air. Ann am Barraidh,’s e sùmag a th’ ann am fèileadh a chaidh a chur mu ghuailnean. Thuirt neach-obrach rium gur e cada facal eile air a shon, agus gur ann a Cataibh a chualas am facal, air a thighinn o "chath-dath" ma dh'fhaoidte. Ann an Co-chruinneach de Dh’Orain Thaghte Ghaelach, tha òran ri lorg le Anna Ghabh, 1827, tha na briathran moiteil a leanas ann:
Le m choinnal air bord mar baist,
Gun dean mi cada is clothlain,
S cha n fhaicear ri m bheo mi measg ghall. (TD:105)
Anns an Fhaclair Dwelly, tha an leithid plaide-laighe ann, agus an abairt, “Dèanamaid plaide-laighe!” ’S e sin, gum fànadh na daoine gus an toir iad ionnsaigh air a’ bhuidheann eile a’ tighinn gur n-ionnsaigh air an rathad.
Tha am Faclair Dwelly ag innse dhuinn gur e breacan a bh’ anns a’ phàirt bhùnasach den èideadh. ’S e breacan-an-fhèilidh a th’ anns an èideadh uile gu lèir, le crìos ga cheangal mu mheadhan an duine a chaitheadh e. ’S e breacan a th’ ann am pàirt breac dheth. Bhiodh diofar dhàthan ann, agus ’s e tartan mar as àithne dha luchd na Beurla a thàinig bhuaithe anns an naoidheamh linn deug.
’S ann am macmeamna nan Gàidheal a thig breacan ùisneachadh airson mhìneachaidh a thoirt air iomadach ainmhìdh is nì breac san t-saoghal. Tha an leithid gobhar bhreac; breacadh nan eibhlean is breacadh an rionnaich ann. Bheiribh sùil air an t-seanfhacal a leanas cuideachd:
“Geamhradh reotaineach / Earrach ceothaineach / Samhradh breac, riamhach / Is foghar geal grianach / Cha d’fhàg gort riabh an Alba.”
’S mar sin, dè as adhbhar dhuinn a bhith a’ gearain ann an Alba, mu uisge an t-samhraidh, ma tha uisge agus beagan ghrèine math dhuinn?!
Tha Breac a’ Mhuilinn gu sònraichte brèagha. Tha breacadh cuideachd a’ ciallachadh brìseadh: mar a bhios tu a’ brìseadh talmhainn agus a’ sgaoileadh na h-ùire thioram. Uaireannan, ’s e breac a th’ ann an criomagan den rud a th’ air a sgaoileadh: mar ghràn chruithneachd bho Muileann mòr san adhair. Abair ìomhaigh!
’S e eun beag a th’ ann am Breac an t-Sìl, agus tha dreach breac air na h-iteagan: dubh is geal air na sgiathan. Tha a ghuth car bìdeil agus nàdar de ghluasad aige a tha car breac, frionasach. Ma tha sibh airson tuilleadh a leughadh mu Bhreac an t-Sìl, nach toir sibh sùil air a’ bhrath-bhloga aig Alasdair bhon uiridh. Bheiribh sùil cuideachd air a’ bhreacan-beithe.
Tha facal ann airson bhreacaidh a thigeadh air bonn ur casan le bhith ’suidhe ro fhaisg air an teine. ’S e Breacan Màiri Uisdean an t-ainm a th’ air, leis an sgàrlaid, geal, gorm a tha caran coltach ri ur casan san t-suidheachadh blàth sin. Fiù’s ged a tha a’ Ghàidhlig gann aig màthair mo charaid ann am Baile Chaolais a Tuath, bha cuimhn’ aice air rabhadh bho a pàrantan agus thuirt iad rithe: “If you sit too close to the fire, you’ll get Breacan Màiri Uisdean!” Bheiribh sùil air a’ bhrath-bhloga aig Abi airson cheangail a dhèanadh leis a’ bhreacan seo. Cluinnidh sibh an t-òran aig Peggy Monks. Rinn Màiri Uisdean breacan airson daoine Ghallda a thàinig gu Tiriodh, ’s chan fhaca an leithid riamh roimhe! Tha briathran an òrain air fad le Iain MacIlleathain rin fhaotainn ann an Gàidheal Vol. 3, duilleag 372, Ach seo agaibh dà rann dheth:
’S e ’m breacan lurach, fasanda
Nach fhaighear anns’ na buithean;
Tha dubh, tha geal, tha sgarlaid
Ann am breacan Mairi Uisdein.
Tha ’m breacan measail, ainmeil so,
Measg gharbh-chrioch agus stuc-bheann,
’S o ’n dhealbhadh dhuinn le Mairi e,
Chaidh feadh gach aite cliu air.
Fàgaidh mi sin mar a tha e an-dràsta. Brùth air a’ cheangal seo gus tuilleadh fhaicinn bho Fandabi dozi, a thaobh a bhith a’ trusadh bìdh air a’ Ghàidhealtachd, agus a’ togail teinntean ann an dòigh chiallmhor, chùramach. Chan eil Gàidhlig aige (fhathast!), ach tha spèis aige dha dualchas nan Gàidheal agus bidh e a’ feuchainn ri a thaisbeanadh ann an dòigh sam bith as urrainn dha sna vlogaichean a tha ri thighinn. Brùthaibh seo gus tuilleadh fhaicinn ann am Facal bhon t-Sluagh a tha breac!
Èistibh an seo gus fuaimneachadh gach abairt a chluinntinn.
Dè mu dheidhinn a’ Choire Bhreacain? Cuiribh fios thugainn air Facebook neo air Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo