- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Croidhleag
Air a sgrìobhadh le Katie air 28 an t-Ògmhios 2018
A’ buanachadh bhon bhloga ceana agam mu dheidhinn an làntachd nam facal a tha a’ buntainn ri pàirtean den chuibhle, an t-seachdain seo tha mi ag iarraidh sealltain ris a’ ghnìomhachas snìomha agus na h-innealan a tha air an cleachdadh airson snàith a dhèanamh.O chionn beagan ùine, nuair a bha mi ag obair air an tasg-lann aig DASG, bha mi air mo dhòigh ulaidh de dh’fhaclan a lorg mu dheidhinn ‘Obrach nam Ban’. Bha tòrr mòr faclan inntinneach air a cruinneachadh anns An Deo-Grèine – iris mhìosail A’ Chomuinn Ghàidhealaich bho 1908. A-measg nam facal mu obair na clòimhe, leugh mi mu dheidhinn croidhle airson a’ chiad àm (ainmichte cuideachd mar craidhleag, mùdag, muirlag agus coileach-gaoitheadh). ’S e basgaid ugh-cheannach a th’ann an croidhle far an robh a’ clòimh air a stòradh mus deach i air a càrdadh:
‘The mouth of the receptacle was a square opening in the side. Sometimes a child would thrust its head into the opening, and would extricate it again only with difficulty and pain, whence the proverb – “Chuir e a cheann ann an croidhle – he put his head in a ‘creel’, he got himself into a tight place.”’
Às dèidh dhan rùsg-clòimhe a bhith air a seòrsachadh, nigheadh agus cìreadh airson nan snàth a lasachadh agus a ghlanadh, bhiodh an chlòimh air a càrdadh le càrd no air a cìreadh le clàd. Tha am pearda clomh a’ ciallachadh an tlaim olainn a tha air a searadh air na fiaclan na càirte. Nuair a tha a’ chlòimh seo air a cuairsgeadh, ’s e rolag an t-ainm a th’oirre –ainm a tha cuideachd air a chleachdadh le snìomhadairean anns a’ Bheurla.
Bhon seo, bhiodh a’ chlòimh a’ snìomh le fearsaid no cuibhle agus nuair a tha an iteachan làn, tha i air a stòradh air Ceitidh-suibhreag fhad ’s a tha an ath-shnàth air a shnìomh. Bhiodh an snàth crìochnaichte an uair sin air a thachrais le Crois-iarna no le Liùrag/Cuibhle-iarna, deiseil airson a bhith dhathadh no fhighe.
Bhon làntachd mòr de dh’fhaclan a tha ann mu dheidhinn obrach na clòimhe, tha e soilleir gun robh obair chruaidh agus sgilean eadar-dhealaichte an sàs ann a bhith a’ dèanamh snàth bho rùsg-clòimhe. Mar an ceudna, tha seo a’ ciallachadh gun robh mòr-chudrom aig ‘Obair nam Ban’ airson na coimhearsnachd air fad: chan urrainn dhuibh a bhith a’ fighe clò às aonais shnàith...
Sibh fhèin a thaghas an ath-chuspair bhloga agam! Am b’fheàrr leibh a’ leughadh mu dheidhinn fearsaidean is dhealgain anns a’ Ghàidhealtachd, beagan mu dheidhinn òrain-luaidh, no faclan mu dhathadh agus bhreabadaireachd? Leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo