- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Breacadh an Teine
An t-seachdain seo chaidh bha aimsir fìor gheamrachail againn mu dheireadh thall agus, air an adhbhar sin, tha sinn a’ toirt sùil air faclan aig a bheil ceangal ri bhith blàth an taobh an teine.
’S e Breacadh an Teine abairt a th’ againn air an t-seachdain seo a chaidh a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas agus e a’ ciallachadh ‘the reddening effect the fire had on your legs.’ Chaidh am facal breacadh a chruinneachadh anns Na Hearadh cuideachd agus sgrìobh an co-thabhartaiche gur h-e as ciall dha: ‘fire-prints on the feet caused by continually sitting by a large fire and the feet bare, gradually the fire impression sets in.’ Sgrìobh an co-thabhartaiche nach robh facal Beurla ri fhaotainn air a shon.
Chaidh breacadh a chruinneachadh ann an Eilean Leòdhais cuideachd: ‘e.g. breacadh an teine. Known in some places as ‘Breacan Mairi Ùisdein.’ ’S e òran a th’ ann am ‘Breacan Màiri Ùisdein’ mu bhreacan sònraichte, geal, gorm agus scarlaid. Dathan aig a bheil ceangal ri casan fuara ri taobh an teine nar beachd-sa.
Ma tha sibh eòlach air facal no abairt aig a bheil an aon chiall mar ‘Breacadh an Teine’, no ma tha facal Beurla agaibbh air a shon, carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter? Bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn bhuaibh.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo