- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Casa-golaigein
Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh an an t-Ògmhios 2018
Tha beul an t-samhraidh a’ teannadh oirnn agus bidh pàrantan le cloinn a’ dol mun cuairt gus tachartasan a fhrithealadh, agus bidh “piggybacks” gu leòr ri fhaicinn. Ann an saoghal nan Gàidheal tha e coltach gu bheil na Gàidheil gu math dèidheil air “piggybacks” le mòran fhaclan sgapte agus eadar-dhealaichte.Ann an “Some Unrecorded Words And Meanings In The Gaelic Of Badenoch” (1950) le R. Barron, tha “Crasgach” air a ràdh nuair a thathar nan suidhe air amhaich cuideigin leis an cas air gach taobh amhaich an neach-giùlain. Tha “Gioma Goc” air a chlàradh ann an ceann a tuath Siorrachd Inbhir Nis. Tha “gual” ann cuideachd. Nuair a thathar nan suidhe air gualainn neach-giùlain leis an dà chas air an aon taobh amhaich an neach-giùlain.
Ann an “Faclan bhon t-Sluagh” tha ceithir faclan againn. Le “cnaimh-golaigein”: pàiste no clann a’ suidhe air gualainn an athair, casan air gach taobh na h-amhaich, le làmhan nam pàiste agus an athar ri chèile. Tha “casa-golaigein” a’ ciallachadh an aon rud.
Tha “poca-seic” ann, bho “sack-pokey” no poca-bathair a bhithte a’ cleachdadh gus seagall agus an leithid a ghiùlan, air a chleachdadh airson “piggyback” ann an Calanais agus tha “goic” air a chleachdadh ann an Nis, leis an abairt “Rug mi air ghoic amhaich air” clàraichte. Ann an Eilean Sgalpaigh, anns na Hearadh, tha “plugadh” ann, leis an abairt “Thug e plugadh air”, nuair a thathar a’ tromadh air amhaich.
Tha mòran fhaclan aig Dwelly air piggybacks cuideachd; Tha “casa-gobhlagain” agus “giomach-goc” againn mar-thà ach tha “buicean air druim”, “poca-mine”, “poca-balla”, agus “coileach-maragan” ann.
Ma tha sibh eòlach air facal no abairtean eile leigibh fios dhuinn air facebook, Twitter no air ar làraich-lìn fhèin.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo