- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cupa na Cruinne
Air a sgrìobhadh le Niall air 7 Ogmhios 2018
A’ leantainn blog Gharry mu bhall-coise seachdainn a-chaidh bha mi den bheachd gum biodh e buntainneach iomradh a dheanamh air an ath thachartas mòr a tha air faire ann an saoghal na spòirse: Cupa na Cruinne.A’ bhliadhna seo ’s ann anns an Ruis a bhios a’ cho-fharpais. 'S e seo cuspair connspaideach gu leòr ach mar Albannaich faodaidh sinn dìreach a bhith taingeil gu bheil an sgioba againne air diùltadh a dhol ann.
Tha iomadach dùthaich eile aig a bheil eachdraidh luachmhor ann am ball-coise nach bidh a' nochdadh aig a' cho-fharpais a bharrachd. Dh'fhàilig na h-Eadailtich faighinn dhan chupa airson a' chiad uair bho 1958 – nuair a chluich cluicheadair òg ris an canar Pele anns a' chiad cho-fharpais aige! Cha bhith dùthaich Cruyff, van Basten, agus Bergkamp ann leis nach do shoirbhich muinntir na h-Olaind a bharrachd. Abair gum bidh An Talamh Iseal a' cuir fìrinn dhan ainm aice.
Ach ged nach bidh Alba aig Cupa na Cruinne, fhuair gu leòr dùthchannan a bhios ann eòlas air ball-coise bhon eilthireachd a-rinn Albannaich (is Sasannaich, Cuimrich, agus Eireannaich) fo bhratach ìmpireachd Bhreatainn. A-measg nan dùthchannan seo tha aon den fheadhainn aig a bheil an cothrom as fheàrr an Cupa a bhuannachadh: na Spàinntich. Agus chan ann bho Albannach a-mhàin a thàinig ball-coise dhan Spàinn ach bho fear Gàidhealach: Uisdean MacAoidh MacMhathain.
Bhuineadh an duine seo gu sliochd MhicMhathain Chataibh bhon tàinig Seumas MacMhathain, an t-uachdaran aig Leòdhas eadar 1844 agus 1878 a chosnaich a bheartas ann am malairt an opium le Sìne. Bha Seumas na bhràthair-athar gu Uisdean agus as deidh don dhroch bhàillidh aig Seumas, Dòmhnall Rothach, a dhreuchd a chall as deidh a' bhratha a ghabh e air croitearan Bheàrnaraigh ann an 1874, 's e Uisdean a ghabh uallach rianaidh oighreachd Leòdhais gun do bhàsaich Seumas.
Anns na bliadhnachan seo bha Uisdean cuideachd trang a' stèidheachadh a' chompanaidh mhèinnidh Rio Tinto ann an ceann a deas na Spàinne. Mar phàirt den iomairt fharsainge ìmpireil aig a' chompanaidh seo, thug Uisdean brosnachadh air an luchd-obrach Albannach aige ball-cois a thòirt don àite agus e a' dealbhachadh an spòrs mar dhòigh trom b' urrainn cultar agus moraltachd ìmpireachd Bhreatainn a bhith air an stèidheachadh a-measg an t-sluaigh ionadail. Anns na bliadhnachan a leanadh dhèidheadh an ciad sgiobadh buill-coise Spàinteach, Recreativo de Huelva, a thòiseachadh ann an Huelva, baile mu 25 mìle bho mèinnichean Rio Tinto. Bhon thoiseach-thòiseachaidh seo sgaoil ball-coise tarsainn na Spàinne.
An ath uair a dh'fhaighnicheas cuideigin dhuibh, ma tha, mun cheangal a tha ann eadar Lional Niseach agus Lionel Messi bidh freagairt agaibh dhaibh!
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo