- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Saobh-Chràbhaidhean Tachais
Air a sgrìobhadh le Eoghann air Diardaoin 14mh den Ògmhios 2018
Aon latha, bha mi ’s mo bhràmair a’ tilleadh air ais bho bùithtean ’s a’ coiseachd sìos sraid trang ann am Baile Ùir Dhùn Èideann nuair a theab i tuiteam. Le sin, chuala mi aice gun coinnich i ri duine. Chunnaic i nach do thuig mi agus dh’inns i dhomh gum biodh i a’ coinneachadh ri boireannach nan tuiteadh i air a cas chlì.Ma tha sibh fhathast ann an imcheist, bha i a’ bruidhinn air saobh-chràbhadh a dh’ionnsaich a màthair dhi nuair a bha i òg anns a’ Phòlainn. A bharrachd air sin, dh’inns i fìr eile dhomh mu bhasan an tachas. Thuirteadh gum bi cuideigin a’ faighinn airgead ma bhios tachas air a bhas chlì aige agus bheir e air làimh chuideigin ma bhios tachas air a bhas dheas.
Tha mi gu math measail air na saobh-cràbhaidhean siud air sgàth ’s gum bi iad a’ toirt mìneachadh gu math às an àbhaist air dèirichean ’s faireachaidhean tiotain 's àbhaisteach. Tha iomadh saobh-cràbhadh aig na Gàidheil mun droch-shùil agus ’s toil leam an cleachdadh anns an can daoine “Dia gad ghleidheadh” ri bà-bainne nuair a thèid iad seachad orra gus buaidh na droch-shùla a sheachnadh ach tha mòran saobh-cràbhaidhean inntinneach aca cuideachd mu thachas 's faireachaidhean làitheil.
Ged a thuirteadh ann am Beurla gum bi do chluasan “air an losgadh” nuair a tha cuideigin a’ bruidhinn ort, tha ciall beagan nas tointe air cluasan teotha ann am beul-aithris na Gàidhlig. Canar gu bheil duine a’ toirt moladh dhut ma bhios do chluas dheas a’ fàs teth ach bidh do chluas chlì a’ fàs teth ma bhios e a’ càineadh ort. Gu ruige seo, chan fhaca mi eisimpleir ann am Faclan bhon t-Sluaigh a dh’innseas dhomh ciamar a bu chòir dhuinn ciallachadh a thoirt às am bi dà chluas theth ort. A bheil fios agaibhse?
Ma nochdas tachas air do shròn, tuigear às gu bheil cuideigin eile a’ smaoineachadh ort. ’S e “meanmhainn” a thugadh air am faireachdainn seo. Fhad ’s fhios dhomh, cha bhi an tachas seo a’ sealltainn dhut co-dhiù ’s bidh no nach bi na smuaintean seo còir. A-rèir an fhiosrachaidh gu h-àrd, ma bhios tu airson faighinn a-mach ’s math dh’fhaoidte gum feum thu tomhas a dhèanamh air dè cho teth ’s a bhios do chluasan. Chuala mi cuideachd gum bu chòir dùil a bhith agad ris am faigh litir ma bhios tu a’ mothachadh tachas anns nad chuinnean. 'S e mearmin an t-ainm a th' air am faireachdainn seo. Gu mi-fhortanach, cha eil an t-eòlas agam far a bheil an tachas ort nuair a chuireas post-dealain thugad.
Aig deireadh an latha, faodaidh tu frog a thogail ort nam biodh tachas a’ nochdadh air no os chionn do bhile uachdair. ’S e sgrìob drama an t-ainm a th’ air an tachas seo agus bidh e ag innse dhut gum faigh thu drama gun fhiughar o chuideign eile.
A bheil thu fhèin eòlach air saobh-chràbhadh sam bith nach eil ann am Faclan bhon t-Sluaigh, gu h-àraid feadhainn air tachas air choireigin? Ma tha, nach leigibh fios thugainn?
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo