- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
neo-sgrìdealachd
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 4 Faoilleach 2018
Sgrìobh mi sa bhrath-bhloga a bh’ agam air 9 Màrt an-uiridh mu phròiseact nam bileag an seo aig DASG. Is iad seo na bileagan — còrr is 22,000 dhiubh — a chaidh a lìonadh le Raghnall MacIlleDhuibh ann an 1974 nuair a bha e ag obair air Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig. Air na bileagan seo tha às-earrannan — facail is abairtean — à làmh-sgrìobhainnean beartach nan Gàidheal.Nam measg, tha sgrìobhaidhean Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair bhon ochdamh linn deug agus is tùs prìseil am fear iongantach seo fhèin a thaobh na Gàidhlig. Is ann aigesan a tha am facal “neimhsgridolicht” clàraichte, ann an Adv. MS 72.2.11 (Cath Fionntragha), làmh-sgrìobhainn a lorgar am measg làmh-sgrìobhainnean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus a lorgar ann an cruth didseatach an seo. Air a’ bhileig a th’ againn an seo aig DASG, chuir Raghnall MacIlleDhuibh ‘lack of stridency’ air an fhacal sa Bheurla agus ghlac seo m’ aire.
Dh’fhaoidteadh gur h-e neo-sgrìdealachd a b’ fheàrr air an fhacal seo ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Chan fhaighear lorg air ‘sgrìdealachd’ ann am faclair LearnGaelic ach gheibhear ann an Dwelly. Is e ainmear boireann a tha seo a rèir Dwelly a chuir ‘life, vigour, liveliness; mettle’ air sa Bheurla. Tha dàimh eadar ‘sgrìdealachd’ agus ‘sgrìd’, ainmear boireann a tha clàraichte ann an LearnGaelic (‘last breath/gasp’) a thuilleadh air Dwelly (‘breath; the least breath of life or air; voice; gasp’). Tha an abairt a leanas cuideachd aig Dwelly: ‘chan eil sgrìd ann’ (‘there is not a breath in him, he is quite dead’). Tha buadhair clàraichte cuideachd: 'sgrìdeil' (‘lively, vigorous, active, sprightly’: Dwelly; ‘lively, vigorous’: LearnGaelic).
Bha sgrìd na bliadhna an-uiridh againn Didòmhnaich ma-tà is mi an dòchas gu bheil bliadhna sgrìdeil romhaibh uile. Bliadhna Mhath Ùr / Bliadh’ Ùr Mhath!
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo