Gàidhlig / English
Na Meuran

Na Meuran

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 2na den t-Samhain
O chionn mìos, chaidh mi timcheall an taigh-tasgaidh iongantach sin, Achadh an Droighinn, Earra-Ghàidheal, còmhla ri Àdhamh Ó Broin. Thig an t-àm is bidh mi fileanta gu leòr ann an dual-chainnt na sgìre sin gus rudeigin nas susbaintiche a sgrìobhadh ‘mun cuairt air’.

Thairist air an deireadh-seachdain ’s a bha sinn ann, ’s e ainmean nam meuran a thàinig am bàrr fhad ’s a bha sinn a’ gabhail srùbag agus chuir seo nam chuimhne gu bheil farsaingeachd dh’ fhaclan cho mòr ann, a rèir an sgire anns a bheil sibh. ’S math ’s fhiach an stòras bhriathrachais seo a chomharrachadh.

Chì sibh air a’ bhrath-bhloga a sgrìobh Àdhamh dhuinn ann an Seanchas, gur e ‘òrdag, corragag, mealla-fada, mac an lùba, lùdag,’ a thog e bho fhear Raibeart Mac a’ Bhiocair, a fhuair Gàidhlig Mhuile bho mhàthair. Chì sibh gur e a’ chrionag a theirte ris ann an Gleann Urchadain. Tha an abairt a leanas ann a chaidh a chlàradh ann an Leòdhas: “cha tigeadh thu lùdag na dh’ òrdaig air”. Theirinn a’ cheart rud ri cuideigin aig a bheil gach ainm nan corrag o gach ceàrnaidh den Ghàidhealtachd?!

Chì sibh ann an Saoghal Bana-mharaiche, gu bheil caochladh mòr dh’ ainmean ann, eadar sgealbag is calagag, cearrag, colbhag, mar a tha e clàraichte againn.

’S e fionna-fad, Fionnladh/Màiri fhada air neo an t-seaman fada a chaidh a chlàradh anns an leabhar sin. Tha dòigh aig na Gàidheil ri meòrachadh air na rudan cumanta sin, agus chuir e iongnadh orm gur e earball bèiste a th’ ann an seaman, a bharrachd air ciall neo dhà eile.

Tha macanaba cumanta gu leòr a-measg luchd na Gàidhlig, ach tha màthair an lùdaige ann cuideachd. Ann an dòigh, tha e freagarrach gur e plaosgag a theirte ris an lùdaig, bhon is e meur cho seang, brèagha, boireanta a th’ innte. Dhearbhaich am Faclair Bheag dhomh gur e iasg a th’ anns a’ chaoiteig, neo cuiteag mar as aithne dhuinn e ann am Facal bhon t-Sluagh.’S e seo a theirte ris an lùdaig cuideachd! Agus tha frìdeag ann cuideachd.Nach toir sibh sùil air na th’ aig na daoine à Loch Abar ri ràdh:

Òrdag, miarag, gille fada, macanaba, girgean.

Thog mi ùidh anns an abairt a leanas: An òrdag,’S a chorrag,’S a mheur-fhada,’S nic an t-sraididh, ’S lughdag bheag an airgid!’ ’S e nic an t-sraididh am meur a bu mhotha a chòrd rium an seo. A bheil am meur seo gu sònraichte lasanta aig duine agaibh? Nach eil e inntinneach gur e mac, nighean neo màthair a bhios anns a’ cheathramh mheur an-còmhnaidh?! Thuirt càch air a’ chùrsa: “feumaidh nach biodh mac aig aba sam bith!” Nach robh na Gàidheil riamh dèidheil air mì-mhodh, gè-ta?!

Dh’ ionnsaich mi fhìn rann airson na meuran ann an Arainn nam Beann; leabhar brèagha anns a bheil iomadach rann is òran bho Eilean Arainn:

Seo an tè a leag an sabhal
Seo an tè a ghoid an sìl
Seo an tè a sheas ag amharc
Seo an tè a ruith air falbh
Seo an tè a b’ fheudar dhith phàigheadh air fad!
 
Tha cuid de na rannan rin cluinntinn an seo.


Tha fada cus bhriathrachas ann am Facal bhon t-Sluagh ceangailte ris na meuran. Cha dèan aon bhrath-bhloga a’ chùis. Bithibh cinnteach gun toir sibh sùil air, agus nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, neo air Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo