Gàidhlig / English
Bucach

Bucach

Air a sgrìobhadh le Niall air 26mh Damhair 2017
’S e am facal ris a bheil mi a’ coimhead an-diugh Bucach – an t-ainm a dh’eughas neach air duine a bhuineas ri Bucaidh air ear-thuath na Galldachd. Ged nach e Bucaidh ach baile le sluagh a tha mu’n aon mheud ri Steòrnabhagh ’s e àite a tha ann a chosnadh cliù glè mhòr a-measg còimhearsnachdan iar-thuath na Gàidhealtachd eadar meadhan na 19mh agus toiseach na 20mh linntean.
 
Ann am Faclan is Abairtean à Ros an Iar le Roy Wentworth leughaidh sinn an earrann a leanas:
 
"Buckie man n phr Bucach … He’s a Buckie man, ’s e Bucach a th’ ann. The Buckie people, na Bucaich. The relations of the Buckie man, fir a’ Bhucaich (nickname of a family in Poolewe)"
 
Chì sinn bhon earrann seo gu bheil Bucach neo Bucaich air an cleachdadh mar ainmean airson daoine a thàinig bho Bucaidh. A bharrachd air seo tha an teaghlach ann am Poll Iùbh ris an canar “fir a’ Bhucaich” a’ sealltainn gun robh robh sinnsirean leithid a dhuine dualtach an ceangal aca ri Bucaidh a chumail mar far-ainm fiù as deidh dhaibh freumhan a chuir sìos anns an còimhearsnachd fhèin. Gu dearbh, san latha an-diugh air Taobh Siar Leòdhais cluinnear fhathast daoine ag eughachd “Taigh Iain a’ Bhucaich” air seann thaigh-gheala ann am Pàirc Bharabhais.
 
Ach, ciamar a thàinig Bucaich agus Gàidheil an coimeas ri chèile ann an dà àite cho sgaipte ri Poll Iùbh ann an Ros an Iar agus Barabhas air Taobh Siar Leòdhais? Agus an robh cuideam nas domhainn ann ris a' choinneachadh seo agus an iomradh a bha Gàidheil a’ deanamh air Bucaidh agus Bucaich anns a’ chultar agus a’ chuimhne-chruinnichte aca?
 
Anns an dara leth den 19mh linn thàinig brosnachadh mòr air gnìomhachas an iasgaich ann an ceann a tuath na h-Alba. Bha seo gu h-àraid fìr airson ghnìomhachais an sgadain agus fo bhratach a’ ghnìomhachais dh’fhàs ceanglan dlùth eadar còimhearsnachdan iomallach Ghàidhealach agus Ghalld nach robh air a bhith ann eadar iad roimhe. Mar phàirt den seo thòisich eilthireachd bhliadhnail eadar an dà chuid a ghabh buaidh dhomhainn air an dòigh-beatha agus fèin-aithne aca. Aig toiseach a h-uile samhraidh bhiodh bàtaichean agus sgiobaidhean iasgaich bho bailtean taobh a sear na h-Alba a’ deanamh creach air taobh siar na Gàidhealtachd airson brath a ghabail air ràith iasgaich an sgadain ann a shin. An uair sin ri crìoch an t-samhraidh thachaireadh an aon rud riuthsan agus sluagh mòr bhon Ghàidhealtachd a’ dol thucasan airson beòshlainte a chosnadh mar luchd-obrach anns an ràith iasgaich acasan. Ged a bha iomadach baile eadar-dhealaichte air taobh sear na dùthcha, bho Inbhir Uige ann an Gallaibh gu Eanstair ann am Fiobha, an sàs aig teas-meadhan an iasgaich, ’s e Bucach an t-ainm a bha muinntir taobh siar na Gàidhealtachd a’ gabhal air duine sam bith a thigeadh bho eadar Inbhir Nis agus Obar Bhrothaig. Anns an leabhar Lewis in the Passing le Calum MacFhearghais leughaidh sinn na leanas bho Seòras Mac a’ Ghobhainn à Steòrnabhagh:
 
"Any poor soul that was born anywhere between Arbroath and Inverness and came to Stornoway was regarded as a Bucach [pron. ‘book-ach’] which was a term originally applied to a ‘man from the east-coast port of Buckie’. If you weren’t from here you were a Bucach!"
 
Glè thric ’s ann tro’n iasgach a bha cleachdaidhean agus teicneòlas ùr a’ tighinn a-steach dhan Ghàidhealtachd agus a lasd sin chìthear bucach air a chleachdadh mar bhuadhair airson bathar agus goireasan ùra – mar eisimplear ‘briogais clò-bucach’ air an neo seòrsa de bhàta ris an canar ‘bucach’. ’S urrainn seo bhith air a shamhlachadh ris an dòigh anns an cuirear ‘Galld’ an deidh ruideigin eadar-dhealaichte neo ùra – mar eisimplear, an cleachdadh aig croitearan a bhith ag eughachd "todhar-gallda" air guano neo todhar-innealta. 
 
A lasd a' bheàrn a bha ann eadar iasgairean Gàidhealach agus na Bucaich ann an cànan agus beartas b’ urrainn ìre de naimhdeas neo fiù’s gràinne a bhith ann eadar iad. Chuir an luchd-obrach Gàidhealach uidhear de dh’iomagain air bailtean an taobh sear nuair a thòisich an eilthireachd aca an toiseach agus gun do sheas aon dhuine airson a bhith na bhall-phàrlamaid aig Inbhir Uige ann an 1852 le bhith a’ gealltainn gun cuireadh e stad air Gaidheil tighinn dhan bhaile agus nach fhaodach marsantan an iasgaich ach obair a thòirt do luchd-obrachd à Sealltainn! Anns na sgìrean Ghàidhealach fhèin chì sinn an seòrsa cumadh a ghabhadh an nàimhdeas seo bhon earrann a leanas ann an A’ Suathadh ri Iomadh Rubha anns a bheil an t-ùghdar, Aonghas Caimbeul, a’ cuimhneachadh air bàthadh a thachair ann an sgìre Nis air Leòdhas bliadhnachan mas robh e fhèin air a bhreith:
 
"Chaidh eathar á Dail-o-Dheas sìos, agus bha amharus aig daoine gun robh bàta Bucach mar mheadhan air. Bha e air a radh nach do rinn e oidhirp sam bith air an sàbhaladh. Rinn Dòmhnull Ghràisgean òran mun chall seo—“’Sann Dì-luain a shèol i, am bàta bòidheach ùr” — agus bha aige ann an rann eile, “Nach bu chruaidh am Bucach ud, nach d’ shad e thuca ròp.”"
 
Ach a dh’àindeoin an nàimhdeas a b’ urrainn bhith eadar na Gàidheil agus na Bucaich bho àm gu àm (agus a dh’aindeoin dè an sgìre ris am buineadh na Bucaich seo dha-rìribh) mar as trice bha càirdeas ann eadar iad. Ma thilleas sinn aon uair eile ri Seòras Mac a’ Ghobhainn leughaidh sinn:
 
"In the 1940s, the wee Bucach cooks on the fishing boats always had a hard time. ‘Dodie’ Campbell from Findochty…used to tell us that, as a young lad, he got a hammering downtown in Stornoway on a Saturday night, for no other reason than that he was a Bucach. Mind you, Dodie may have been trying to steal somebody’s girl. Who knows! There was a lot of intermarriage between the islanders and the visitors. A lot of the Bucaich married Lewis girls."
 
Agus ge bith dè eile a thachaireadh eadar Gàidheil agus Bucaich dhèanadh na bàird Gàidhealach cinnteach gun d’ fhuair iadsan am facal mu dheireadh air a’ chùis, mar a chì sinn bho na loidhnichean bàrdachd à Ros an Iar leis a bheil Mgr. Wentworth a’ crìochnachadh an earrann leis na thòisich sinn:
 
"Ged as spaideoil na Bucaich Le ’m bàtaichean leathan,
Nuair shìneadh am béatadh Cha sheasadh aid ruin"

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo