Gàidhlig / English
Teine-aighir

Teine-aighir

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 9 An t-Samhain 2017


Dh’aithnicheadh daoine gu leòr am facal teine-aighir, a tha a-mach air ‘teine a-muigh gus fèill no fèis a ghleidheadh’ (Brìgh nam Facal), agus a tha co-ionnan ri teine-èibhinn.

Thathas gan togail mun àm-sa den bhliadhna airson Oidhche Guy Fawkes, ach cha robh a leithid air a comharrachadh ann an dualchas nan Gàidheal. Na h-àite, bhiodh teintean-aighir air an dèanamh gu sònraichte airson Oidhche Shamhna, a bharrachd air a’ Challainn, agus ’s e ‘samhnag’ facal eile a bha orra, m.e. ann an Gleann Lìomhann agus Barraigh.

Dh’innis Uilleam Walker à Cill Fhinn, ann an Siorrachd Pheairt, gun togte ‘bonfire’ no teine-aighir a h-uile bliadhna ann an Coire nam Bonnach air Oidhche Shamhna suas chun a’ Chogaidh Mhòir. Ach b’ ann air 11mh Samhain a thachradh seo, a rèir an t-seann mhìosachain.

Chan eil fhios agam an robh Gàidhlig aig Uilleam ach bhà aig Mairead NicDhiarmaid à Gleann Lìomhann, faisg air Cill Fhinn. Bha cunntas den aon seòrsa aice air teine-aighir mum biodh daoine a’ dannsadh air Oidhche Shamhna, gun tighinn air gìsearan agus na cleasan a dhèanadh iad.

Bho chian, rachadh teintean-aighir a thogail cuideachd airson subhachas a dhèanamh ri deagh naidheachd, m.e. airson uachdaran no factar ùrbuaidh ann an cogadh; agus gus taic a chur ri Teàrlach Friseal Mac an Tòisich ann am Pàrtaidh nan Croitearan.

’S e deagh fhacal air teine mòr, craosach a tha ann am ‘braidseal’: ‘Braidseal math teine ri sradadh ’s a’ smùideadh’, mar a bha aig a’ Phuilean. Ach a-rèir Dwelly, bha seo a’ ciallachadh ‘teine-rabhaidh’ air cnoc bho thùs.

Mar eisimpleir air a leithid de theine-rabhaidh no braidseal, bha sgeulachd annasach aig an Urr Tormod Dòmhnallach. Ann am Muile tràth san 19mh linn, bhite a’ lasadh teine ‘nam bite ag iarraidh lighiche no ministear ann an cabhag’ a thigeadh thar a’ Chaoil.  Uair a bha siud bha boireannach air ‘a laighe siùbhla’ agus feumach air lighiche. Las iad teine airson ’s gun tigeadh an Dotair Rathuaidhe bhon Mhorbhairne. Ach cha robh eathar ri fhaighinn. Mar sin:

Chaidh e a-null far an robh [...] tarbh agus chuir e sìos roimhe e a dh’ionnsaigh a’ chladaich. Thug e air an tarbh a dhol a-mach air a’ mhuir. Chaidh e fhèin casa-gobhlach air muin an tairbh, agus stiùir e null an tarbh gu cladach Mhuile. Agus bha e ann an àm gu leòr airson freastal air a’ bhean a bha ri saothair cloinneadh.

Mas breug bhuam e, 7c.

Coltach ri cuspairean eile air a’ bhlog seo, ‘Is tric a bheothaich srad bheag teine mòr’.


Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo