- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Sgeigeire
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 28 Sultain 2017
Bleideire Baoghlach is sgeigeire Barrach. Cha mhath dhomh na Barraich a chàineadh ach chaidh an abairt seo a chlàradh aig neach-bratha à Cill Donnain an Uibhist a Deas ann an 1987–88. Is e ‘mocker’ am facal Beurla a tha ga chur air sgeigeire air a’ chlàr seo is e follaiseach gu bheil am facal ga chur air Barrach, ahem neach, a tha math gu sgeigeadh no sgeig a dhèanadh. Tha an dà chuid scige agus sgige — a’ ciallachadh ‘laughing, jeering, mocking, derision’ — air a chlàradh san t-Seann-Ghàidhlig (dil.ie/36473) is e follaiseach gu bheil seo aig bun an fhacail againne.Tha sgeigeire cuideachd ga chlàradh aig neach-bratha à Suaineabost ann an Leòdhas ann am Faclan bhon t-Sluagh an seo aig DASG is e clàraichte gu bheil am facal ga chur mar an ceudna air "duine fanaideach, sgeilmeil". Gu dearbha, ma tha neach sam bith airson tàthag a thilgeil, is fhiach sùil a thoirt air a’ bhriathrachan Leòdhasach seo.
Lorgar sgeigeire ann an seagh caran eadar-dhealaichte aig luchd-bratha às an Eilean Sgitheanach, na Hearadh (far a bheil "sgeigire" clàraichte) is Uibhist a Deas (cuideachd "sgeigire") san tasglann againn is am facal ga chur air ‘gander, male goose’. Cha robh an luchd-bratha seo buileach cho deas is a bha an neach-bratha à Cill Donnain am Barrach a chàineadh a rèir choltais ach nach iomchaidh gu bheil sgeigeire ga chur an gnìomh san dà sheagh seo? Cha mhòr nach cluinn thu an sgeigeire Barrach air an tug an Deasach seo iomradh. Co-dhiù, sin sgeigeadh gu leòr bhuamsa airson seachdain eile.
A bheil facal sam bith eile a chuireadh sibhse an gnìomh san t-seagh seo? A bheil thu nad Bharrach agus tàthag agad a thilgeadh tu air neach à Cill Donnain no àite sam bith eile? Cuiribh brath thugainn an seo aig DASG air Facebook no Twitter; chòrdadh ur cuid sgeigeadh rinn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo