Gàidhlig / English
Rosadach is Rathadach

Rosadach is Rathadach

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 21mh den t-Sultain
Latha a bh’ ann, fhuair mi teachdaireachd bho fhear bha ag iarraidh eadar-theangachadh na leanas bho Bheurla gu Ghàidhlig airson tatù: “I am the captain of my destiny.” Bha sin duilich dhomh! Chuala mi gu leòr dhuibh ag ràdh, “ma ’s e an dàn dhomh…,” ach shaoil mi nach cuala mi sin riamh bho Ghàidheal sam bith. Tha na mìltean de shaobh-chreideamhan is manaidhean ann ge-tà, air am biodh aire dhaoine ann an iomadach ceàrnadh air feadh na dùthcha. Seo agaibh feadhainn dhiubh sin.
 
’S e manadh rosadach a theirte ri manadh dhroch-fhòrtain, bhon is e rosad a th’ ann an geas olc, co-dhiù ann an Srath Ghlais. ’S e manadh rathadach a th’ ann am manadh dheagh-fhortain, ge-tà.
 
Chualas tric mu dheidhinn dreug a’ sgèith anns an adhar, agus b’ e manadh olc dha-rìribh a bha sin! Bha aithris air a thoirt seachad air dreug ann am Mac Talla (Leabhar 5), air mar a ghabhadh daoine an t-eagal, ’s iad air dreug fhaicinn san adhar. Chuir neach-aithris ri sgeulachd a chuala e, ge-tà, mar mhanadh rathadach a bhiodh ann. Chuala e mu thrì mìle giomach a thàinig gu uisgeachan mu chosta Cheap Bhreatainn, o chionn ’s gun do thuit dreug mìltean air falbh bhuapa ann an Astràilia.
 
Bha e na thlachd dhomh fhaotainn a-mach gur e an luch a dhèanadh an obair aig gruagach nam fiaclan. Tha na sìthichean rosadach gu leòr, mar as aithne don Ghàidheal iad (brùthaibh air a’ cheangal gus fhaotainn a-mach mu Chaoineag) ’S ann am fròg bhalla a chuireadh a’ chlann am fiacail. Bhiodh iad ag aithris nan rann seo:
 
A luchag! a luchag!
A luchag bheag bhàidh!
A luchag! a luchag!
A luchag bheag ghràidh!
 
Thoir thusa dhomhsa
Fiacaill bheag òirghil,
Thoir thusa dhomhsa
Fiacaill bheag àirgid,
 
Is bheir mise dhutsa
Fiacaill bheag ògain chual chnàmh,
Fiacaill bheag òighe chual chnàmh,
Fiacaill bheag ògraidh luath-ghàir.
 
(Carmina Gadelica, Leabhar 4).

’S e ainmhidh uamhraidh rosadach a th’ anns an fhaimh-uisge, lamhalan, neo fadan-uisge! Bhathar a’ creidsinn gun adhbharachadh an t-ainmhidh sin, agus am feòlagan, olc is bàs dha daoine. Bheireadh iad air falbh an comas-ghluasaid aig na caoraich, ’s iad a’ ruith air an druim. Tha an Carmina Gadelica ag innse dhuinn na b’ fheàrr gun do rinn boireannach ùrnaigh nuair a chunnaic i feòlagan a’ spearchal thall. Bha e a’ dol a dh’ionnsaigh taighean eile anns a’ ghleann sin. Chaochail an duine aice beagan làithean às dèidh sin. Anns an aoir le Rob Donn, Brigis Mhic Ruaraidh, tha duine a’ call a bhriogais às dèidh dha a bhith air an daoraich aig banais. Tha Rob Donn a’ toirt rabhadh seachad an seo:
 
‘Na leigibh ri bràigh’ e,
’M feadh ’s a bhios e mar tha e,
Air eagal gu ’n sàraich
An luachaire:
Na leigibh o bhail’ e
Do mhòinteach nan coileach,
Mu ’n tig an labhallan,
’S gu buail i e.’
 
Thug Riaghaltas Bhreatainn air a’ Ghàidheal briogais a chur orra anns na bliadhnaichean às dèidh Blàr Chùil-Lodair. Bha am fèile toirmisgte. Ma dh’fhaoidte gum biodh an fhamh gu sònraichte buailteach ri ionnsaigh a thoirt air cuideigin a bhiodh a’ caitheamh na briogais. Ann am Poetry of Badenoch, a dheasaich Tòmas Sinton, tha còmhradh eadar sealgair is fiadh. Tha briogais air an t-sealgair; rud nach eil a’ còrdadh ris. ’S e seo a th’ aig an fhiadh ri ràdh mun chùis:
 
“…B’ fhèarr dhuit fantail aig a’ bhaile,
’San air’ thoirt air do phàisdean,
Na bhi ’an dùil gu mealladh tu mise,
Le d’ bhrigis, mo nàire!”
 
Mo nàire, gu dearbh! Tha am facal ‘rathadach’ a’ ciallachadh ‘innleachdach, comasach, carach.’ Tha seo a’ toirt a’ bheachd dhuinn gur dòcha gum biodh làmh aig duine/tè rathadach anns an fhortain a thigeadh anns an rathad aca. Ma dh’fhaoidte gu bheil an fhìrinn aig an fhear sin leis an tatù aige, ma-thà, neo gum bu chòir dhuinn na briogais a sheachnadh!
 
Èistibh riumsa, leam fhìn an turas seo, agus mar a dh’fheuch mi fhìn na rannan seo.
Nach cuir sibh fios thugainn le saobh-chreideamh air a bheil sib’ fhèin eòlach air Facebook, Twitter, neo gu h-ìseal.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo