- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cìob
Air a sgrìobhadh le Abi air 5 An Dàmhair 2017
’S e cìob facal na seachdain-sa a th’ agam dhuibh. Bha mise ag aithneachadh an fhacail seo airson caoraich no teum ach an-dràsta tha mi a-mach air seòrsa feamainn ruadh, agus bha am facal seo ga lorg ann an Tiriodh. Sgrìobh Tòmas mun fhacal brùchd agus feamainn mìos no dhà air ais, facal a tha ioma-bhrìgheach cuideachd.
Sgrìobh an neach-fiosrachaidh gu robh cìob a’ fàs air clachan agus bha i gu tric ga lorg san Dàmhair. Bidh cìob a’ toirt ùine fhada a bhith grodachadh (air sgàth ’s gu bheil an aimsir cho fuar aig an àm seo dhen bhliadhna!) agus mar sin, fhuair i an t-ainm cìob nam fàs-bheann no the rank grass of the desert hills san Fhaclair Dwelly.
Tha iomadh, iomadh facal mu dheidhinn feamainn ann am Faclan bhon t-Sluagh. Mar eisimpleir, chaidh am facal bruig a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas is tha e a’ ciallachadh rotten seaweed, collected for manure. Ann an Nis, is e cròic am facal a bh’ aca airson deposit of red seaweed driven ashore by the undertow.
Tha am facal cìob a’ tighinn bhon liosta dhe na faclan Tiristeach mu àiteach a th’ againn ann am Faclan bhon t-Sluagh. A bheil sibh ag aithneachadh faclan eile sam bith air an liosta? Cuir fios thugainn air Twitter no Facebook.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo