Gàidhlig / English
Braon

Braon

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 15mh den Òg-mhios

Aig an àm a tha mi a’ sgrìobhadh seo, tha corra latha uabhasach blàth air a bhith ann agus ged nach bu chòir dhomh gearran – ’s àbhaist do a leithid sin de làithean a bhith gu math tearc – tha mi toilichte gu bheil an t-sìde air fuarachadh rud beag! Co-dhiù, ann an teis-meadhan an teasa, bha mi uaireannan ag ionndrainn facal na seachdain, braon.

Tha e coltach gur e ‘uisge’ ann an cruthan eadar-dhealaichte as ciall don fhacal seo. Ann am Faclan bhon t-Sluagh, chaidh eisimpleir air braon a chruinneachadh ann an Dòrnaidh, Siorrachd Rois, a’ ciallachadh ‘drizzle.’ Coltach ri sin, tha toraidhean air braon ann am faclair Dwelly far a bheil e a’ toirt iomradh air ‘drop’, ‘rain’, ‘drizzle’; tha am facal braon-dhealt cuideachd ri fhaotainn an seo, a’ ciallachadh ‘heavy dew.’

A bharrachd air sin, tha eisimpleir ann am Faclan bhon t-Sluagh à Siorrachd Pheairt, far an robh bogha-braon air a chleachdadh airson bogha-froise. Gu h-inntinneach, tha eisimpleir eile ann à Scalpaigh na Hearadh, far a bheil braon a’ ciallachadh ‘fallas.’

Chaidh a’ chiall as fheàrr leam, ge-tà, a lorg ann am Port Sgioba, Ìle, far a bheil braon a’ ciallachadh ‘fras blàth as t-samhradh.’ Nach tlachdmhor a tha sin!

Mar bu dual, ma tha eòlas nas fharsainge agaibh air braon, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn an seo no air ar duilleagan Facebook no Twitter. An dòchas gum bi deagh shamhradh agaibh le blàths ach cuideachd braon an siud ’s an seo!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
  • Admin

    Deagh bhrath-bloga an-diugh, tapadh leibh. Seo rann a bha a' cordadh riumsa 'n comhnaidh.. agus theirear seo mun Ghaoth a bhios a' seideadh tro Cheann a' Ghiuthsaich...

    "Sgaoileadh do sgiathan glas-neulach, braonach,
    Taisich gach lianag, leacainn, is bruach;
    Gluais tre na glinn ’s an caidil a’ mhaoiseach,
    ’S toigh leis an lia-chearc Gaoth Meall-a-Chuaich."

    2017-06-15 10:45:56