Gàidhlig / English
Tòimhseachan is Dubh-fhacail

Tòimhseachan is Dubh-fhacail

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 8mh den Og-mhìos
Lorg mi sgeulachd o chionn ghoirid ann an Gairm air a bheil an tiotal ‘Cas Shiubhail an t-Sléibhe.’ Tha cailleach, Caoinnseag, a’ feuchainn ri fèin-aithne an aoigh a tha san taigh aice a chur an cèill. Tha tionndadh an sgeòil a’ crochadh air tòimhseachan a tha a’ chailleach a’ toirt dha san rann a leanas:
 
“Dà lir, dà lèir,
Dà chluais, dà chéir,
Dà cham-pheirceall,
Ochd ìnean dubha dùirn,
Ard-labhradh a’ chinn
Is na ceithir smear-luirgnean.”
 
’S e seo a fhreagras an aoigh:
 
“Dleasaidh fear cosgairt a chinn,
Sùil is boillsgean is eanchainn,
Cluas amach o bhun stic,
Peirceall is leac is leth-cheann.”
 
Tha e duilich ciall a dhèanamh a-mach às na rannan ach chòrd iad rium leis cho àraid, annasach ’s a tha iad! Bidh caractaran anns na seann sgeulachdan gu tric a’ toirt seachad tòimhseachain nuair a bhios iad a’ toirt deuchainn dha laoch.
 
Tha ealantachd nan Gàidheal follaiseach bho na ceudan de thòimhseachain, dubh-fhacail is amalaidhean-cainnte a chaidh a chruinneachadh thar nam bliadhnaichean. Bhathar a’ dèanamh airson gach rud: beathaichean is dùilean, craobhan is fiù ’s aodaich! Dh’ fheuch sgioba DASG feadhainn aca. Nach èist sibh riutha an seo:

Gheibh sibh iad uile anns a’ Chorpas: a’ chrubag, d’ fhaileas, cadal.
 
Tha sean-fhacal ann airson partan agus cuman a tha gu math eirmseach cuideachd.
 
Tha an leabhar air a bheil an tiotal Tòimhseachan is Dubh-fhacail, a’ leigeil fhaicinn dhuinn gur h-urrainn dha leithid a bhith na dheagh thaic dhuibh. Dh’ ionnsaich mi seo agus bha seo feumail dhòmhsa turus is mi a-mach ag iasgach còmhla ri m’ athair. Cluinnidh sibh seo anns a' phìos chlàraidh cuideachd:
 
Cia mar a dh’aithnichear adag seach cuiteag?
—Ball dubh air an adaig, ’us earball fada air a’ chuiteig.

 
Tha na ceudan de thòimhseachan is rannan ann a tha fhathast air beul an t-sluaigh. Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, Twitter neo gu h-ìseal le feadhainn air a bheil sibh eòlach.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo