Gàidhlig / English
imrich

imrich

Air a sgrìobhadh le Alasdair air Diardaoin 22 Ògmhios 2017
Tha sinn eòlach gu leòr air imrich mar ghnìomhair a’ ciallachadh ‘flit, move house!; migrate!’ agus mar ainmear a’ ciallachadh ‘(act of) migrating; migration; (act of) flitting, moving house, removal’ (LearnGaelic).  Tha e follaiseach air clàr Leòdhasach ann am Faclan bhon t-Sluagh an seo aig DASG ge-tà gu bheil ciall eile don ainmear imrich nach eil buileach cho bitheanta, dh’fhaoidteadh: air aodach no acainn ceangailte ris an imrich eile; gu sònraichte imrich shamhraidh don àirigh.  Chaidh na leanas a chlàradh aig neach-bratha a bhuineadh do dh’Àrnol agus a chaidh a chlàradh ann an Steòrnabhagh ann an 1972: Na chuir sibh a mach an imrich fhathast?; An d’thug sibh dhachaidh an imrich fhathast?  Tha sgrìobag sa Bheurla an cois seo a’ mìneachadh gur h-ann air aodach, acainn m.s.a.a. a bhiodh gan toirt don àirigh aig toiseach an t-samhraidh is gan toirt air an ais aig deireadh na ràithe a bha imrich ga cur san t-seagh seo.
 
Tha an seagh seo clàraichte aig Dwelly a chuir ‘removal, changing of residence; effects or furniture so removed; emigration’ air an ainmear imrich, ged nach eil abairt clàraichte san tùs seo anns a bheil imrich clàraichte anns an dara seagh.  Tha fianais eile a chuireas sinn ris na bh’ aig an neach-bratha Leòdhasach ann an Corpas na Gàidhlig ge-tà.  Mar eisimpleir, is coltach gur h-e ‘effects, furniture in transit’ as ciall don ainmear san abairt a leanas aig Jonathan G. MacKinnon, fear-deasachaidh Mac-Talla, ann an alt don tiotal ‘Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa’ (vol. 5, no. 13, td. 1, 3 Dàmhair 1896): “Tairnnidh so uine, agus fhad ’sa bhios na daoine tha mu ’n laimhrig a cur na h-imrich air a bhàta ’sa deanamh deiseil air son falbh bidh an luchd turuis a’ sealltuinn mu ’n cuairt.”  Tha iomadach eisimpleir eile a ghabhas rannsachadh ann an Corpas na Gàidhlig.
 
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo