- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Ìoc
An dèidh grunn fhaclan ceangailte ri biadh blasta agus làithean-fèille, ’s dòcha gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air an fhacal seo: ìoc ‘a triangular piece of cloth inserted, e.g. into the sides of a skirt to make it wider.’
Tha dà eisimpleir eile air an làrach-lìn againn: a’ cur ìoc ann an aodach agus Bha a’ bhriogais ro bheag dha agus chuir e ìoc as chùlaibh aice.
Chaidh am facal seo a chlàradh ann an Leòdhas ann an 1972 le Aonghas Iain Mac a’ Ghobhainn a bha ag obair air Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig aig an àm.
Agus tha seo a’ toirt cothrom dhuinn innse dhuibh gu bheil na 34 liostaichean-fhacal a chruinnich A. I. Mac a’ Ghobhainn ri fhaighinn air an làrach-lìn DASG mar phàirt dhen Faclan bhon t-Sluagh. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ruibh agus gum bidh iad feumail dhuibh cuideachd.
Tha sin a’ ciallachadh gu bheil mu 65% de stuthan Faclan bhon t-Sluagh ri fhaighinn air-loidhne, a’ gabhail a-steach mu 25,000 ceann-fhacal.
Cuimhnichibh gum faod sibh fios a chur thugainn air Facebook agus Twitter.
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo