- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cha Truagh Leam Cù is Marag ma Amhaich.
Tha sean-fhacal anabarrach carach againn do dhuine sam bith a bhios làn plòigh an t-seachdain seo: “cha truagh leam cù is marag ma amhaich.” Dh’ fhaodadh sibh seo a chleachdadh airson mìneachadh a thoirt air cuideigin aig a bheil gu leòr na bheatha, ach nach eil riaraichte leithe. Tha an sean-fhacal seo ri lorg ann an Caraid nan Gàidheal, tdd. 399-405, far a bheil litir o Fhionnladh Pìobaire mu mhuinntir a’ Ghlinne Deas Airidh, a thàinig cruinn air Latha na Bliadhn’ Ùire. Rinn iad gàirdeachas, agus thuirt am Maor ris a’ charaid Para Mòr gum b’ fheàirrde dha a bhith luath ag ithe an eanaraich (brot feòla), gus am faigheadh uile iad a-mach a chluich an iomain mus rachadh a’ ghrìan fodha. Mhol Para Mòr gun robh an ceum sleamhainn, reòta aig an àm sin den bhliadhna. Dh’ iarr e orra gun cus chabhaig a bhith air a dhol a-mach nuair a bha iad air an cuartachadh le cairdean agus biadh gu leòr. Bu chòir dhaibh uile a bhith taingeil leis na bha aca an uair sin. Fhreagair fear eile gu diombach, “Mo thruaighe, a’ Phara Mhòir!” ach thuirt Para Mòr an uair sin, “Cum do thruas agad fhèin, cha truagh leam cù is marag mu amhaich.”
Carach dha-rìribh! Gheibh sibh lorg air an t-sean-fhacal ann an Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases, td. 14. Ma sibh eòlach air an t-seann fhacal seo, nach cuir sibh fios thugainn air twitter air neo air facebook.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo